Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Pìobair Og Uibhist a Deas
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_022
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2359
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Pìobair Og Uibhist-a-Deas.

Bha siud ann o chionn fhada ann an Uibhist a Deas seann duine aig an robh triùir mhac. An dithis bu shine bha iad glè mhath air pìobaireachd, ach am fear a b' òige cha robh esan cianail math idir.

Aig an àm seo bha Clann Mhic Cruimein ann an Dùn Bheagain nam pìobairean aig ceann-cinnidh nan Leòdach, agus chuala iadsan mu na gillean a bha seo ann an Uibhist. Smaoinich iad gu rachadh iad a-null a dh'Uibhist feuch an dèanadh iad a-mach cò b' fheàrr air pìobaireachd, iad fhèin no na gillean aig a' bhodach. An uair a ràinig iad Uibhist cha robh na gillean a-staigh, agus dh'innis an athair do Chlann Mhic Cruimein nach biodh iad a' tilleadh dhachaigh gu ceann latha no dhà. Thachair gu robh am fear a b' òige dhe na gillean aig an àm seo a-muigh a' buachailleachd air cnoc gorm aig astar fada on taigh aca. Chuala e an sin an ceòl bu bhinne agus bu bhrèagha a chual' e riamh agus smaoinich e sa mhionaid gur e sìthean a bha anns a' chnoc seo. Chun an dorais a ghabh e gun dàil, ach mun deachaidh e a-steach chuir e maide anns an doras, oir bha fios aige nan dèanadh e sin gu faigheadh e a-mach a-rithist, ach mura dèanadh gum biodh e a-staigh gu bràth tuilleadh.

Cho luath 's a chaidh e a-steach dh'iarr e air a' bhodach bheag a bha a' seinn na pìoba am port ionnsachadh dha. Dh'iarr am bodach air a theanga a chur na bheul-san. Rinn esan sin agus sa mhionaid dh'ionnsaich e am port.

An uair a ràinig am fear òg an taigh bha Clann Mhic Cruimein a-staigh roimhe agus dh'iarr iad air a phìob a chur suas feuch co-dhiù a b' fheàrr esan no iad fhèin. Thuirt am bodach riutha nach biodh sin gu math sam bith, nach robh dad a dh'fheum anns an fhear òg.

"Coma leat," thuirt iadsan, "feuchaidh esan co-dhiù, biodh e math no dona."

Chuir an gille suas a phìob agus chluich e am port a dh'ionnsaich an sìthiche dha. An uair a chuala Clann Mhic Cruimein an ceòl àlainn, binn seo 's ann a thuirt iad:

"Mas e sin am fear as miosa chan eil e gu feum sam bith dhuinne feuchainn ris an fheadhainn as fheàrr."

Agus cha do rinn iad ach tilleadh anns a' bhad air ais do Dùn Bheagain.

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Pìobair Og Uibhist a Deas

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)