Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fear-turais na Chabhaig
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_023
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2360
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Fear-turais na Chabhaig.

Bha siud ann uaireigin duine a bha air turas tro mhonadh farsainn fuar an àm a' gheamhraidh. Thàinig an oidhche air fada mun do ràinig e a cheann-uidhe. Bha e air fàs gu math sgìth agus bha an t-acras mòr air. Cha robh taigh ri fhaicinn thall no bhos, ach mu dheireadh thall chunnaic e solas beag fann fada bhuaithe. Lean esan air gus mu dheireadh ràinig e taigh agus an doras aige fosgailte.

Smaoinich e gu rachadh e a-steach agus gu leigeadh e anail an sin. Cha robh duine ri fhaicinn anns an taigh ach bha bòrd ann làn bidhe, mar gum biodh e air ullachadh dha fhèin. Bha an t-acras ga tholladh agus dh'ith e pàirt dhen bhiadh. 'S ann a smaoinich e an uair sin gun cuireadh e dheth a bhrògan agus gun caidleadh e greiseag.

Bha an duine bochd dìreach air leigeil na shìneadh gu socair an sin an uair a chuala e fuaim is straighlich os a chionn agus guth cruaidh ag èigheadh, "Ge be cò thu, cha bhi an seo ach mise no thusa."

"Fuirich thusa," fhreagair esan, "gus am faigh mise orm mo bhrògan agus cha bhi an seo ach thusa!"

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fear-turais na Chabhaig

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)