Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cha b' ann an-dè bha sin!
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_024
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2362
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Cha b' ann an-dè bha sin!

Bha siud ann aon uair duine bochd agus a bhean. Bha iad a' fuireach ann an àite iomallach, aonranach. Is ann ag obair aig an rathad mhòr a bha esan; cha robh aige ach tuarasdal beag agus mar sin cha robh iad uabhasach math dheth.

Latha dhe na làithean, an uair a bha an duine a' tighinn dhachaigh an dèidh dha an latha a chur seachad, dè chunnaic e ach poca a bha air tuiteam air an rathad à fear dhe na carbaidean. Thug e dhachaigh leis am poca gun fhosgladh agus dh'fhàg e air cùl an dorais e. Làrna-mhàireach, an dèidh dhàsan falbh gu obair tràth sa mhadainn mar a b' àbhaist, dè ach nach ann a chunnaic a bhean am poca agus cha bhiodh i beò mura fosgladh i e a dh'fhaicinn ach gu dè idir a bha na bhroinn. An uair a rinn i sin cha mhòr nach do thuit a sùilean aisde, oir bha am poca loma-làn du bhuinn òir is airgid. Dhùin i am poca gu cùramach, cheangail i sreang mu a bheul agus chuir i air ais e far an d'fhuair i e.

An uair a thill fear-an-taighe dhachaigh feasgar, dh'fhaighnich i fhèin dheth an robh fios aige gu dè bh' anns a' phoca. Thuirt esan nach robh sion a dh'fhios aige ach gu robh e a' dol ga thoirt don pholasman an ath latha.

"Cha dèan thu dad dhen t-seòrsa," fhreagair ise, "ach 's ann a thèid thu don sgoil."

"Mise!", thuirt esan le uabhas, "mise dol don sgoil! An ann às do rian a tha thusa? Nach eil fhios agad glè mhath gu bheil mise fada ro shean airson a dhol don sgoil?"

Ach cha robh dol às aige. Lean i oirre ag ràdh gu feumadh e a dhol don sgoil, agus mu dheireadh dh'aontaich e sin a dhèanamh.

An ath latha chuir e air a bhrògan ùra agus a dheise Shàbaid agus thog e air don sgoil.

Cha robh e ro fhada an sin an uair a thòisich na balaich a' magadh air, agus lean iad air a sin a h-uile latha. Mu dheireadh, fichead latha an dèidh sin thàinig e dhachaigh an latha bha seo agus thuirt e nach robh esan a' dol don sgoil tuilleadh, gu robh e seachd sgìth dhith, agus gu robh e a' dol ga fàgail.

An ath latha a-rithist cò thàinig chun an taighe ach am polasman. Dh' fhaighnich e dhen duine an d' fhuair e poca air an rathad mhòr. Thuirt esan gun d' fhuair e sin gun teagamh.

"Seadh, agus cuin a fhuair thu e?" thuirt am polasman.

"Tha greiseag ann," fhreagair esan. "Fhuair mi e an latha mun deachaidh mi don sgoil."

"O, ma-tà," thuirt am polasman, "faodaidh tu fhèin a chumail, ma tha cho fada sin ann."

Agus leis a sin dh' fhàs an duine beairteach, agus cha robh aige ri dhol a dh' obair aig an rathad tuilleadh. Ach cha do thill e idir don sgoil!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cha b' ann an-dè bha sin!

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)