Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mar a Ghoid Donnchadh Dubh a' Mhuc
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_025
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2363
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

Mar a Ghoid Donnchadh Dubh a' Mhuc.

Cha bhiodh rud sam bith a dhìth air Donnchadh Dubh nam biodh e idir far an ruigeadh a làmhan air.

An turas a bha seo bha muc mhòr reamhar aig Cailean Bàn, duine bochd aig an robh bothan beag faisg air an taigh aig Donnchadh Dubh. Smaoinich Cailean gu robh an t-àm aige a' mhuc a mharbhadh agus a shailleadh. Bha e dìreach an dèidh a' mhuc a mharbhadh an uair a nochd Donnchadh Dubh ... agus abair gu robh esan deiseil gus comhairle mhath a thoirt air Cailean Bàn bochd!

"A-nis, a Chailein," thuirt Donnchadh, "chan eil aon duine thall no bhos, fad is farsainn air feadh na sgìre nach eil fhios glè mhath aige gun do mharbh thu a' mhuc mhòr reamhar agad an-diugh. Faodaidh tu a bhith cinnteach gun tig iad às gach cùil is ceàrn a dh'iarraidh chriomagan a dh'fhaicinn a bheil an fheòil math, reamhar. Ach seo a-nis an rud a nì thusa, a Chailein. Tog thusa leat a' mhuc agus tilg anns an allt i agus fàg ise an sin fad na h-oidhche. Cruadhaichidh an t-uisge fuar an fheòil, agus glanaidh e i, freagarrach airson an t-salainn. Ma thig duine sam bith chun an taighe agad anns a' mhadainn a dh'fhaighneachd ma deidhinn canaidh tusa gun deach a goid agus cha bhi dùil aigesan an uair sin ri mìr dhith fhaighinn."

Rinn an truaghan bochd mar a chaidh iarraidh air. Thilg e a' mhuc anns an allt faisg air an tràigh. Thàinig Donnchadh Dubh a-nall air feadh na h-oidhche an uair a bha Cailein Bàn bochd na throm chadal, agus a-mach gun tug e leis a' mhuic. An ath mhadainn, an uair a thug Cailean an aire mar a thachair, thàinig e na leum gu taigh Dhonnchaidh a dh' innse dha gu robh a mhuc air a goid.

"Glè cheart, a Chailein, glè cheart," thuirt Donnchadh Dubh, "abair thusa sin agus gu dearbh chan eagal dhut."

"Ach chan eil agam ach an fhìrinn, a Dhonnchaidh," fhreagair Cailein, "gu dearbh agus gu deimhinn agus gun teagamh tha a' mhuc air a goid. Chan eil aon sgeul oirre."

"Chan eil, chan eil, a Chailein," thuirt am fear eile, "tha thu glè cheart; dìreach abair thusa sin agus bidh a h-uile dad gu math."

"Èist rium, a Dhonnchaidh," thuirt Cailean, agus e a' fàs crosta, feargach, "èist rium 's mi ag innse dhut gun deach a' mhuc a ghoid cho cinnteach 's a tha thu beò."

"Sin e dìreach, a Chailein," thuirt Donnchadh Dubh, "sin dìreach an rud a dh'iarr mi ort a ràdh. Lean thusa ort ag ràdh sin agus bheir mise mo ghealladh nach cuir muinntir a' bhaile dragh sam bith ort."

Cha robh e gu math sam bith do Chailein bochd aon smid eile a ràdh mun chùis. Cha robh aige air ach falbh dhachaigh gu brònach, tùrsach agus ghlèidh agus dh'ith Donnchadh Dubh a' mhuc mhòr reamhar agus cho fad 's a chuala mise cha do rinn i cron sam bith air!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mar a Ghoid Donnchadh Dubh a' Mhuc

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)