Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Cuilean a bh' aig Dòmhnall
EXTERNAL ID
HC_GAELICSTORYTAPE_026
DEIT
1997
LINN
1990an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2365
KEYWORDS
beul aithris
sgeulachdan
stòiridhean
Gàidhlig
seanchas
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an sgeulachd seo air a clàradh sa Ghàidhlig agus 's e eadar-theangachadh gu Beurla a leanas an seo.

An Cuilean a bh' aig Dòmhnall.

Bha siud ann uaireigin dhen t-saoghal cìobair a bha a' fuireach ann an ceann-a-deas na h-Alba. Cha robh ann dheth ach duine bochd, oir cha robh an tuarasdal aige ach beag.

'S e Dòmhnall an t-ainm a bh' air a' chìobair. Mar a bhiodh dùil againn, bha deagh chù aig Dòmhnall agus 's e Glen an t-ainm a bh' air.

An turas a bha seo thàinig Sasannach beairteach don àite, agus thug e an aire cho math 's a bha an cù aig Dòmhnall. Thairg e mòran airgid air agus thug Dòmhnall dha an cù.

'S ann a smaoinich Dòmhnall an uair ain gu faodadh e deagh bhuannachd a dhèanamh le bhith a' reic chon ris na Sasannaich a h-uile bliadhna aig àm na fèille. Mar a bha na bliadhnaichean a' dol seachad bha cliù Dhòmhnaill airson a bhith ag ionnsachadh chon a' dol am meud, agus bha e na b'fheàrr dheth na bha e riamh.

Aon bhliadhna fhuair Dòmhnall cuilean beag. Cha robh mòran ann a bha cho math air coin ionnsachadh ri Dòmhnall ach math 's gu robh e cha do rinn e idir an gnothach air an fhear seo a chur air dòigh. An uair a stuigeadh e an cuilean dhèanadh e dìreach air meadhan nan caorach agus sgapadh e o chèile iad. Bha droch chleachdadh aige cuideachd agus 's e sin a bhith a' toirt a-mach aon chaora agus a' spìonadh na clòimhe aisde.

Bha nis àm na fèille a' tarraing dlùth ach bha an cù a cheart cho dona 's a bha e a-riamh. Dh'iarr a bhean air Dòmhnall gun e idir a reic. Nan reiceadh e am fear ud, cha reiceadh e an còrr. Ach cha robh bliadhna riamh ann a bha feum cho mòr aig Dòmhnall air an airgead agus shuidhich e gu reiceadh esan an cù, biodh e math no dona.

Dh'fhalbh Dòmhnall, ma-tà, chun na fèille agus ròp làidir aige mu amhaich a' choin. Thàinig an Sasannach a bha seo far an robh e. Thairg Dòmhnall an cù dha; ach bha e teagmhach mun chù agus dh'iarr e air Dòmhnall a shealltainn dha ag obair. Chaidh an dithis gu pàirc a bha làn chaorach agus leig Dòmhnall às an cù.

'S math a dh'aithnich Dòmhnall gun dèanadh e dìreach air meadhan nan caorach gus an sgapadh o chèile agus dh'èigh e àird a chinn: "DIVIDE!" Rinn an cù dìreach mar a dh'iarradh air ... sgap e na caoraich nan dà leth. Chuir seo iongantas mòr air an t-Sasannach, ach cha robh e buileach riaraichte fhathast leis a' chù agus dh'iarr e fhaicinn ag obair a-rithist.

Leig Dòmhnall an cù a-rithist. Dh'aithnich e fhèin glè mhath gu dè a dhèanadh an cù an turas seo, agus dh'èigh e àird a chinn: "SUBRACT ONE". Siud na càoraich air feadh an t-saoghail ach aon tè a-mhàin. Thionndaidh Dòmhnall ris an t-Sasannach: "Nach fhaic thu nis," thuirt e, "cho math 's a tha an cù seo? Nì e division agus subtraction agus nì e addition agus multiplication cuideachd ma dh'iarras tu sin air."

Cheannaich an Sasannach an cù agus thug e deagh phrìs air cuideachd. Cha chuala Dòmhnall an còrr mu dheidhinn a' choin ach tha e coltach nach do thill an Sasannach a dh'Albainn tuilleadh, agus is beag an t-iongnadh. Cha d'fhuair e ach an droch bhargan!

Tha an sgeulachd seo bho chruinneachadh a tha ri fhaotainn air teip agus anns an leabhar 'Am Bloigh Beag le Beannachd'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Cuilean a bh' aig Dòmhnall

1990an

beul aithris; sgeulachdan; stòiridhean; Gàidhlig; seanchas; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

Am Bloigh Beag le Beannachd (Cassette)