Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (2 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_02
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2397
KEYWORDS
slighean-uisge
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Neach-labhairt: Air an 23as là dhen Dàmhar 1822, b' urrainn don "Inverness Courier" innse le moit agus toileachas gu follaiseach gun robh Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir fosgailte mu dheireadh thall.

Am measg èigheachd aighearach o mhòran den luchd-amhairc, agus losgadh ghunnaichean le gach gunna a bha rim faighinn, dh'fhalbh an luchd-siubhail o Gheataichean Bhaile an Fhraoich aig aon uair deug ann an deagh aimsir, agus iad ann an deagh shunnd. Thàinig cuid a bha còmhnaidh air gach taobh dhe na lochan còmh' riutha, fhad's 's a bhathar a' seòladh tro na h-uisgeachan àlainn, agus fhad 's a bha daoine a' sruthadh às na bailtean beaga a bha ri làimh, bha buidhnean eile bho na glinn aig gach sloc is rubha ag amharc air an taisbeanadh fàilte, agus a' bualadh am basan gu cruaidh agus a' cur ri torman nan gunnaichean, agus ceòl còmhlan mailisidh Inbhir Nis a bha gabhail pàirt anns an fhèill. Bha crìoch na cuairt air a comharrachadh le fàilte mhòr bhon daingneach, fhad 's a bha muinntir a' Ghearasdain a' sealltainn an toileachais le bhith lasadh tein'-aigheir mòr. Cha do rinn am pailteas de dh'uisge-beatha a thugadh seachad le fir-uasal a' Ghearasdain cron sam bith air gàirdeachas nan daoine. Aig an dìnneir ann an Loidse nan Saor-Chlachairean, far an robh Mgr. Grannd aig ceann a' bhùird, chluicheadh am port 'The New Rigged Ship' nuair a bhathar ag òl deoch-slàinte do shoirbheachas Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir.

[Duisealan agus fìdeagan]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (2 de 19)

2000an

slighean-uisge; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea