Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (3 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_03
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Anne Philips
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2399
KEYWORDS
slighean-uisge
claistinneach
slighe-uisge

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

'On the banks o' the Caley Canal
There you'll find me an my little gal
On a moonlight night when the stars shine bright
That's where we long to roam

Oh, I love Inverness an I love ma wee Jess
An from them I'll never stray
When I'm roamin in the gloaming
On the banks o' the Caley Canal'

'Oh, you can tell an Inverness girl
She's got everything
That funny little way of talking (right enough)
The funny little way of walking
When parked on a bench with that little wench
You'll thrill to her very touch
Oh you can tell an Inverness girl
But you can't tell her much (ask your father)
You can't tell her much'

Neach-labhairt: Is fìor thoigh le muinntir Inbhir Nis dhe gach aois fhathast a bhith coiseachd air na ceuman ri taobh Slighe-uisge a' Ghlinn Mhòir mar chur-seachad. Agus do na daoine a tha fuireach ri thaobh, a chì gach latha na bhios a' dol mu na geataichean, agus a tha eòlach air na bàtaichean agus air na daoine a bhios an sàs annta, tha cuimhneachain ann dhaibh a tha sònraichte agus a mhaireas fad am beatha.

Anna Phillips: tha mise air a mhòr-chuid dhem bheatha a chur seachad ri taobh Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir, agus chan urrainn dhomh smaoineachadh air àite sam bith eile am b' fheàrr leam a bhith fuireach. Tràth anns na 30an, nuair a thòisich m' athair Albert Gibson air obair mar fhear-gleidhidh gheataichean, bha luchd-ciùird aig Slighe-uisge a' Ghlinn Mhòir dhi fhèin: Dan an gobha; Seoc an saor; Seoc am peantair; Donnchadh an clachair; Fionnlagh am plumair; Alec an gàirneilear; Kenny agus Albert na dàibhearan; Uilleam, sgiobair nam bàtaichean; Houston, fear-togail nam bàtaichean. Agus mar a bhiodh dùil bha muinntir nan geataichean uile ann.

Chan eil uair ann nach lìon mi le moit nuair a sheallas mi air an innleadaireachd mhìorbhaileach, agus nuair a smaoinicheas mi air na fir a thog an t-Slighe-uisge. Nach mòr am miann a bhiodh aca air cuid de na h-innealan mìorbhaileach a th' againn an-diugh? Bha am bàta-togail-gheataichean dham b' ainm 'Jail' na chomharra nochdar anns an sgìre nuair a bha i aig acair ann an Amar Baile an Fhraoich; chan eil i againn tuilleadh. B' e an 'Scot II' am bàta a bhiodh a' briseadh deigh nuair a bha an t-Slighe-uisge reòdhte. Bha am bàta-pleadhanach 'Gondolier' ceangailte aig na geataichean àrda aig Baile an Fhraoich. B' ann gus a cur fodha mar phàirt de Bhacadh Churchill aig Scapa Flow a bha a' chuairt mu dheireadh aice.

Dh'atharraich cùisean aon uair is gun do thòisich an Dara Cogadh agus bha e trang le bàtaichean connadh làmhaich gan lìonadh aig Amar Baile an Fhraoich air an cuairt gu Scapa Flow. A bharrachd air a sin, bha tancairean ola agus MTB's aig a' Chabhlach Rìoghail ann. B' fhìor thoigh leis na sgioban a bhith putadh nan slatan-cuibhle, agus a bhith a' faighinn an casan air tìr. B' e amannan eile a bha trang agus inntinneach do mhuinntir nan geataichean, agus nuair a dh'fheumadh iad a bhith 'g obair a latha 's a dh'oidhche, na h-amannan nuair a thigeadh Morair Shimi agus a chreachadairean gaisgeil tron t-slighe-uisge o Inbhir Garadh anns na bàtaichean aca. B' e sealladh a bh' ann, oir bha iad air an t-slighe gus a bhith dol air tìr air D-Day. A-nis nuair a sheallas mi a-mach air uinneag an t-seòmair-shuidhe agam agus a chì mi na soithichean prìobhaiteach a' dol seachad le brataichean o iomadh nàisean, 's iad a' dèanamh air Loch Nis, smaoinichidh mi, 'Nach mìorbhaileach a' chèarn dhen t-saoghal anns a bheil sinn a' fuireach. Math dh'fhaodte gun nochd Neasaidh a chur fàilte oirnn'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (3 de 19)

2000an

slighean-uisge; claistinneach; slighe-uisge

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea