Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (6 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_06
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Willie Batchen
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2403
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
bàtaichean-pleadhanach
Caledonian Mac a' Bhruthainn
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Uilleam Batchen: 'Bha a' phrìomh earrann ann, agus bha an treas earrann ann, agus bha suidheachain cofhurtail mun t-seòmar gu h-ìseal. Agus thogadh tu pillean an t-suidheachain agus bha preasa shìos foidhe agus 's ann an sin a bha an leabaidh agad. Mar sin, bheireadh tu do leabaidh a-mach air an oidhche, agus chuireadh tu air an t-suidheachan i, agus b' e sin d' àite-fuirich. Agus 's ann aig Dia tha fios cò mheud neach a shuidheadh air uachdar do leapa tron latha. Chan eil fios agad. Agus anns a' mhadainn, roladh tu suas do leabaidh, thogadh tu suas am pillean, agus chuireadh tu fon sin i. B' e an sgiobair, an
t-ionmhasair agus am prìomh-innleadair na h-aon daoine aig an robh 'bunc' mar a chanadh tu riutha no leabaidh cheart.

B' e an rud eile, gus an d' rinneadh a-mach na bha sinn ris - Bha cnapan beaga siabainn aig Mac a' Bhruthainn le 'MacBraynes for the Highlands' sgrìobhte tromhpa. Agus bha na h-iuchraichean agamsa dhan phreas sin. Agus thàinig an gille a bh' anns an cèaban-toisich, fear dham b' ainm Dòmhnall a-nuas. Dh'fhoighnich e, 'Am faigh thu greim a bharrachd dhen t-siabann ud?' 'Carson?'
'O', ars' esan, 'tha sgioba de dh'Eadailtich an-siud gan iarraidh.' Thuirt e, 'fhuair mise tasdan airson cnap beag de shiabann.' Agus thuirt mise, 'Gheibh sinn sin.' Agus thug mi dha seasgad de na cnapan siabainn, agus an taobh a-staigh de dheich mionaidean bha e air ais le trichead tasdan dhomh; mo chuid dhen chreach. Bha seo glè mhath. Ach cha robh fios againn gun robh cunntas stòrais gu bhith ann an oidhche sin. Dè thachair dhan t-siabann? Cha b' e a' chiad bhreug a dh'inns mi, feumaidh mi aideachadh, ach thuirt mi gun robh mòran dhen t-siabann air a bhith a' falbh às a sin. Agus thuirt am prìomh stiùbhard, 'Uill, feumaidh sin stad.' Mar sin, mun deach an siabann a-mach, dh'fheumadh sinn dà leth a dhèanamh dheth, agus leth chnap a chur a-mach, gus an gnothach a dhèanamh. Chan eil fios agam - Thuirt iad gun robh cuid dhe na coigrich a' falbh leis an t-siabann, agus dh'aontaich mi ris a sin; fhuair na coigrich an siabann, ach phàigh iad gu daor air a shon.

B' àbhaist maighstir-cidhe a bhith ann am Foitheir, agus b' e dreuchd gu math urramach a bh' ann. Agus aig an àm sin, bha cìsean cidhe agad ri phàigheadh mun tigeadh tu air tìr. B' e sgillin a bh' ann do leanabh, dà sgillinn do dh'inbheach, dà sgillinn do chaora, ceithir sgillinn do mhart agus sia sgillinn do dh'each.Bhiodh na beathaichean a' siubhal shuas air bàrr na treas earrainn, agus an luchd-siubhail a bh' anns an treas roinn, shìos fon chlàr-uachdair. A-nis, aig an toiseach bhiodh mòran on iar a' tighinn a-nall an-seo, agus cha robh a' Bheurla aca ach aig ìre gu math bunaiteach; 's gann gun robh aca ach Gàidhlig. Agus bha turas againn gun robh seann bhodach Sgitheanach ann, a bha na mhaighstir air a' chidhe. Agus b' àbhaist dà bhàta a bhith againn a bhiodh a' tighinn a-steach, agus bhiodh tè dhiubh daonnan a' tighinn a-steach air thoiseach. Ach air an latha bha seo, thàinig am fear a bhiodh air dheireadh a-steach. Agus bha am fear Sgitheanach a' spaidsearachd sìos is suas, agus na shàr Bheurla fhileanta thuirt e,''Well, well, well, well! She used to be behind before, but now she's first at last!'

[Fidheall (Aonghas Grannd), 'Eas Foithir']

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (6 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; bàtaichean-pleadhanach; Caledonian Mac a' Bhruthainn; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea