Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (7 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_07
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Hugh McNally
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2405
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
bàtaichean-pleadhanach
Caledonian Mac a' Bhruthainn
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Neach-labhairt: B' e bàta-smùide na slighe-uisge an dòigh bu dìriche fad ùine mhòir, air a dhol o thaobh a deas Loch Nis gu Inbhir Nis agus na b' fhaide. Tha naidheachd ann, a dh' innsear fhathast anns an sgìre, mu fhear òg dham b' ainm Angaidh. Chuir athair air falbh e chun a' mhargaidh bhliadhnail leis an laogh - a bha cudromach dhaibh a thaobh am beòshlaint. Chuireadh earbsa ann an Angaidh an obair seo a dhèanamh a' chiad uair, ach dh'òl e fada cus, ann an taighean-seinnse Inbhir Nis, agus air bòrd a' bhàta air an turas air ais. Agus nuair a ràinig e cidhe Inbhir Farragaig, cha robh sgillinn air fhàgail dhen airgead a fhuair e aig a' mhargadh. Innsidh Uisdean McNally an sgeulachd.

Mar a bhiodh dùil, bha am bàta fiù 's na b' fheàrr air uidheamachadh na bha am baile, oir bha bàr muinntir a' bhàta ann, agus cha robh an còrr ri dhèanamh gus an ùine chur seachad. Faodaidh tu bhith cinnteach air mar a bha an t-airgead a' gliogadaich am pòcannan Angaidh agus e car mòr às fhèin. Bhiodh a charaidean agus a nàbaidhean a' cur meal a naidheachd air, air sgàth na deagh phrìs a fhuair e airson na laogh, 's a' foighneachd a theaghlaich, agus athar, agus a' sìor bhrosgal ris, agus sin mar a thòisich cùisean. Sheasadh aon fhear cuairt de dhramannanm 's sheasadh an ath duine cuairt, agus chaidh seo air adhart. Mar sin, mun do ràinig am bàta Inbhir Farragaig a-rithist, bha Aonghas ann an deagh shunnd, ach bha a phòcannan gus a bhith falamh, agus dh'fheumadh e dèanamh air an taigh. Faodaidh tu bhith cinnteach gum biodh e gu math sòbarra an dèidh dha còig mìle a choiseachd. Agus chan eil fios againn dè na smaointean a bha na inntinn, ach thàinig e thuige fhèin nuair a dh'fhoighnich an seann bhodach dha dè mar a chaidh dhà, agus a chuir e a làmh na phòca - cha robh an t-airgead ann. Cha robh na phòca ach corra sgillinn. Mar sin, b' e sàr bhuille a bh' ann. Chan eil fios aig duine dè chaidh a ràdh, ach bha Angaidh meadhanach riaraichte gun do - b'fhiach e e; cha tug neach sam bith sgleog dha man cheann no rud sam bith. Agus smaoinich e, uill, leighisidh gach lot le ùine, ach mar a bhiodh dùil, bha an t-seann chàraid mì-thoilichte.

Ach chaidh an ùine seachad, agus mun tàinig ceann bliadhna, rugadh laogh eile, agus mar a b' àbhaist bhite a' dol a chur an laoigh air falbh. A-nis, bha Angaidh an dùil gun do dhìochuimhnicheadh na thachair, agus bha e dèanamh fiughar ri cothrom eile fhaighinn, no cò dhiù deagh chuairt. Ach bha na làithean agus na seachdainean a' dol seachad; bha an laogh a' fàs na bu mhotha, agus mar a bhiodh dùil cha robh Angaidh a' dol a ràdh guth. Agus chaidh seo air adhart, agus aig a' cheann thall b' fheudar do dh'Angaidh gèilleachdainn, agus aon mhadainn dh'fhoighnich e dhe athair, 'Cuin - Cuin a bhios sinn a' cur an laoigh air falbh, athair?' 'Chan eil sinn a' dèanamh sin!' 'Agus dè nì sinn leis, athair?' 'Ithidh sinn e. Dh'òl thusa am fear mu dheireadh!'

[Bogsa nam putan, 'Ruidhle Loch Nis', le Uisdean McNally]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (7 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; bàtaichean-pleadhanach; Caledonian Mac a' Bhruthainn; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea