Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (8 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_08
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Pat MacDonald
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2406
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
Caledonian Mac a' Bhruthainn
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

[Bogsa nam putan, 'Ruidhle Loch Nis', le Uisdean McNally]

Tha Pat Dhòmhnallach a' coimhead air ais air na bha sìor thighinn 's a' falbh aig Cidhe Inbhir Moireasdan.

B' e bàtaichean-guail, 's bàtaichean-fiodh bu mhotha bh' ann - bàtaichean-saimeant an siud 's an seo. Chunnaic mi dà bhàta, no fiù 's a trì, ceangailte aig a' chidhe, agus mar sin cha robh iad ro mhòr. Mar eisimpleir, math dh'fhaodte gum faic thu tè dhe na seann bhàtaichean-guail - a dhà dhiubh gu fìrinneach - aig Loch Dabhach Phùir. Tha dà bhàta mhillte an sin. Tha iad air a bhith an sin o nas cuimhne leam. Ach b' e bàtaichean-seòlaidh a bh' annta sin - b' àbhaist dhaibh a bhith tighinn dhan chidhe le gual, agus a' toirt fiodh air falbh. Bhiodh each is gige, a bhite cleachdadh gus na litrichean agus luchd-siubhail a tharraing, air tachairt ris a' bhàta-smùide, agus air na litrichean a thoirt gu oifis a' phuist. Bha na litrichean air an libhrigeadh suas dhan ghleann an oidhche sin. B' e seo an stòr. Agus bhathar a' cumail nan litrichean is iomadh rud eile ann. Bhathar gan togail aig a' chidhe, no gan stòradh ann, rudan mar bhollaichean mine is pròthan is eile agus bathar; mar a bhiodh dùil, bhiodh a h-uile rud a' tighinn anns a' bhàta. Thòisich busaichean ann an 1930, ach roimhe sin cha robh dòigh air a dhol gu Inbhir Nis ach leis a' bhàta, no coiseachd, no falbh air an each agad.

B' e stòr a bh' aig a' cheann seo. Bha trì baraillean de leann shìos gu h-ìseal air an sgeilp. Bha an goc a' dol dìreach a-steach dhan bharaille - agus bhiodh tu a' lionadh glainne leann tro ghoc fiodh no tro ghoc prais. Nam biodh tu ag iarraidh suidhe sìos, b' urrainn dhut suidhe sìos air barraille an seo, no an siud, no am bogsa seo no am bogs' ud. Ach cha robh iad a' reic ach leann. Gu fìrinneach, bha an comharra air ceann an togalaich ag ràdh, 'Le cead Leann is Portair a reic'. Chan eil fios agam dè bh' ann am portair - an e seòrsa de leann dorcha a bh' ann? - ach cha robh uisge-beatha idir ann. Ach tha mi smaointinn gun robh boinne bheag de dh'uisge-beatha aca fon chunntair.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (8 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; Caledonian Mac a' Bhruthainn; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea