Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (10 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_10
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Angus Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2409
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Neach-labhairt: tha an earrann dhen t-slighe-uisge a tha ceangal Loch Nis ri Loch Obhaich cha mhòr mu mheadhan na slighe-uisge. Do Aonghas Grannd, a thogadh ann an Cille Chuimein, bha an t-slighe-uisge daonnan na adhbhar iongnaidh.

'Uill, nuair a bha mi nam bhalach, bha an t-slighe-uisge na h-àite fìor inntinneach. Bha sinn uile ann - gu h-àraid na gillean - chan eil cus cuimhne agam mu na nigheanan, ach bha na gillean daonnan mu thimcheall. Agus bha rudan ann ris am biodh sinn daonnan - b' e fear dhe na rudan gun cuireadh sinn ar beatha ann an cunnart leis na dubhain gus am bàta a thoirt a-steach, agus nuair a bha sinn aig ìre gus a dhol a rothar b' àbhaist dhuinn a bhith dol sìos aig astar, agus cha robh ach mu thrì òirlich agad eadar iomall na slighe-uisge agus an dubhan, agus bha seo air a mheas na shàr ghaisgeachd a bhith falbh aig astar air an rothar agus a' dol air an taobh a-steach dhen dubhan. Cha do dh'amais dithis no triùir againn air agus chaidh iad à sealladh anns an t-slighe-uisge ach gu fortanach dhèanadh a' mhòrchuid againn snàmh, agus bhiodh sinn a' sreap a-mach agus thilgeadh cuideigin ròpa. Bhiodh obair an dòlais againn an uairsin le tri dubhain a' dol mu chuairt an sin, a' feuchainn ris an rothar a thoirt às. Agus, an dèidh na ciad uair, tha cuimhne agam air e bhith falamh mu 1939, dìreach ron chogadh. Lorgadh sa pholl a dhà no trì rotharan agus rudan eile a chaidh ann. 'Eil fhios agad, ma sheallas tu air ais air na rudan cunnartach ud, 's mar a dh'fhaodadh tu a bhith air do bhathadh nam biodh tu air a dhol an sàs anns an rothar agus gun èirigh! Agus aig àm eile bhiodh sinn - bhiodh mòran de gheadagan a' tighinn, feadhainn bheaga - bhiodh iad mu shia gu ochd òirlich a' dh'fhaid - agus bha seo math. Bhiodh sinn nar laighe air ar beul-fodhainn leis na dubhain gus an glacadh agus b' e rud mòr a bh' ann dhuinn cò mheud a ghlacadh sinn. Cha robh iad gu feum gus an ithe, tha mi ciallachadh, ach bha deagh spòrs againn gan glacadh.

Mar a bhiodh dùil, b'e rud mòr eile a bhith cuideachadh na fir a' tionndadh na cuibhle gus na geataichean fhosgladh. Agus bhiodh Ruairidh Mòr MacCoinnich daonnan ag ràdh, 'Cùmaibh a dol, illean. Cha dèan sinn an gnothach air às ur n-aonais.' Agus bhiodh sinne a' smaoineachadh - rachadh sinn dhachaigh agus chanadh sinn, 'Uill, bha iad fortanach gun robh sinn ann. Bhiodh Ruairidh Mòr ag ràdh nach biodh iad air an gnothach a dhèanamh às ar n-aonais', 'eil fhios agaibh? Bha sinne a' smaoineachadh gur e sinne bu mhotha a bha putadh an rud mu chuairt. Bha caractar eile ann o Chille Chuimein - chan eil fios agam dè an t-ainm ceart a bh' air, ach b' e 'Seumas an leumadair' a bh' aig daoine air. B' e seòrsa de shàr-chreidmheach a bh' ann, agus an dràsta agus a-rithist b' àbhaist dha falbh aig astar tron bhaile ag èigheach, ' Choisich Criosda air an uisge, agus leig e leamsa coiseachd air an uisge', agus ruitheadh e dìreach a-steach dhan t-slighe-uisge. Agus mar a bhiodh dùil, chluinneadh muinntir nan geataichean uile e
tighinn; bhiodh iad a' feitheamh le dubhain is eile, agus rachadh Seumas à sealladh, agus shlaodadh iad suas e agus chanadh iad, 'An leig sinn sìos thu a-rithist, a Sheumais?' Bhiodh seo a' tachairt a h-uile bliadhna no dhà

[Bogsa-ciùil}

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (10 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea