Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (11 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_11
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg & Angus Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2411
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

'Daonnan aig na saor-làithean chuireadh sinn seachad an samhradh còmhla ri triùir uncailean nach robh pòsta. Chan eil mi fhìn ro shean buileach, ach tha mi dhen bheachd a-nis gun robh sin àbhaisteach gu leòr, o na dh'inns daoine dhe m' aois a bha beò aig an àm. Cha robh dealain ann. Cha robh dealain idir ann. Bha na geataichean air an obrachadh dìreach leis a' chrangaid; chuireadh tu maide a-steach, agus bhiodh beagan de rèis ann feuch dè an taobh a dh'fhosgladh - feuch cò a dh'fhosgladh an taobh aca an toiseach. Agus tha cuimhne agam (agus bha sin anns na seasgadan) gur e bàtaichean-obrach bu mhotha a bh' ann. A-nis, 's e bàtaichean airson chur-seachadan as motha a th' air an t-slighe-uisge, ach aig an àm ud b' e bàtaichean-iasgaich le iasgairean a bh' ann. Mar a bhiodh dùil, cha tuigeadh tu facal a chanadh iad, oir bha iad uile on chosta an ear.

Bha an taigh air àirneiseachadh gu math air an taobh a-staigh. A-nis, cha tug sinn uisge on ghoc riamh. Bha bucaid daonnan anns a' chidsin a bhiodh tu lìonadh gach là on abhainn. Cha chuireadh iad earbsa anns an uisge on ghoc. B' e lampaichean Tilley a bh' ann. Na lampaichean Tilley le lìon, a chuireadh a-mach deagh sholas, oir is gun cluichdeadh tu cairtean, neo ludo, neo gun leughadh tu leis feasgar. Agus anns na seòmraichean-laighe, agus na h-àiteachan nach biodh tu a' cleachdadh cho tric, an taigh-beag is mar sin, cha robh ann ach na lampaichean beaga paireafain gan lasadh. Bha teine mòr ann . Bha gas air a chleachdadh airson còcaireachd; bha cnogain gas aca. Cha robh ann an ùrlar a' chidsin ach clach, agus bha seòmar-teas ann far an dèanadh tu an nìgheadarachd a-muigh aig cùl an taighe. Sin an seòmar-nìgheadarachd far an robh crann-crochaidh-nan-aodaichean, eil fhios agad? Agus cuideachd bha ulagan air a mhullach, agus 's ann san t-seòmar sin a bhite dèanamh na nìgheadarachd uile. Agus an t-iarnaigeadh - Tha cuimhne agam air an dà iarann gan teasachadh aig an teine; fear ga chleachdadh agus fear ga theasachadh. 'Eil fhios agad, bhiodh tu a' cleachdadh aon fhir, agus bhiodh tu a' teasachadh an fhir eile, agus nuair a dh'fhàsadh am fear agad fuar dhèanadh tu iomlaid.

Agus tha cuimhne agam air cuibhrigean-olach a bhith air a' bhòrd. Agus brat-ùrlair ragaichean, a bhiodh m' uncail a' dèanamh, agus bha iad uile mar sin - agus b' e an rud a bha neònach mun taigh nach robh ann ach dà sheòmar-laighe. Agus ann am fear de na seòmraichean-laighe, bha trì leapannan dùbailte, leapannan dùbailte mòr iarainn, bòrd air an sgrìobhadh tu, seòrsa de chèis-leabhraichean mòr àrd, cathair, agus mar a bhiodh dùil, teine mòr, teine mòr le brat-sgeilp air uachdar, agus sòfa fada. Agus an uairsin, cha robh anns an t-seòmar-laighe eile ach aon leabaidh shingilte. Cha robh cus de dh'obair dealbhachaidh mu na taighean'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (11 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea