Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (13 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_13
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2414
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
bàird
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

'Tobar nan Ceann' (Earrann 1)

Neach-labhairt: Ach bha na beanntan seo am fianais mhòrain a bha borb, brùiteil agus dioghaltach. Stad tiotan aig taobh an loch àlainn seo, ri taobh 'Tobar nan Ceann', agus smaoinich air na thachair an seo aig aon àm.

[Clàrsach]

'Ann an 1649, thug Diùc Montròis ionnsaigh air na Cùmhnantaich aig Caisteal Inbhir Lòchaidh. Am measg na bha marbh bha Dòmhnall Glas Dòmhnallach, Fear na Ceapaich. Dh'fhàg e dithis mhac - Alasdair an t-oighre aige, agus Raghnall, am fear a b' òige. Mar a bha iomchaidh ann an sliochd mòr Gaidhealach, thàinig Clann Dòmhnaill gu cobhair an càirdean a bha fo bhròn. Chaidh an dìthis bhalach a chur fo dhìon an uncail Seumas Dòmhnallach, Fear Shlèite. Mar a bha na chleachdadh aig an àm, chuireadh na gillean gu Colaiste na h-Alba anns an Ròimh, gus crìoch a chur air an fhoghlam aca.

A-nis, ma bhios siubhal a' leudachadh nan rùn, bidh iad buailteach a bhith fàs cumhang le bhith fuireach aig an taigh. Oir nuair a thill Alasdair agus Ràghnall dhan Cheapaich, làn smior na h-òige, agus beachdan coimheach, cha robh fada gus an do ghabh na nàbaidhean aca sàr ghràin orra. B' e fear dham b' ainm Dùghall, a bha fuireach ann an Inbhir Làir, fear dhen fheadhainn a ghabh fìor ghràin air na dòighean ùr aig an uachdaran ùra aca.

Gus an robh Alasdair na inbheach, bha bràthair athar, Alasdair Buidhe, a' riaghladh Oighreachd na Ceapaich. Cha robh feum air a-nis, agus cha robh e idir toilichte gum feumadh e a dhreuchd a leigeil dheth. B' e an rud mu dheireadh a rinn e cuirm mhòr a chur air dòigh gus an latha a chomharrachadh nuair a bheireadh e seachad an oighreachd do dh'Alasdair. Thugadh cuireadh do gach neach, agus rinn bràthair athar Alasdair cinnteach gun d'fhuair Dùghall, agus a shianar mhac cuireadh sònraichte.

B' e fèisd sònraichte a bhiodh ann. Bhiodh am bòrd a' cur thairis leis a h-uile biadh a b' fheàrr air Ghaidhealtachd - bhiodh sliasaidean de shithinn, a' mhart-fheòil a b' fheàrr agus bradan, air ùr-ghlacadh, air beulaibh nan aoighean, agus an clàireat a b'fheàrr ga òl leis. Bha a' chuirm a' dol gu math, nuair a fhuair na gillean às Inbhir Làir comharra, agus thòisich iad air argamaid ri Alasdair agus Raghnall Dòmhnallach. Chaidh an argamaid gu sabaid, agus anns an t-strì a lean, chaidh Alasdair agus Dòmhnall a mhurt. Bha dioghaltas airson na h-oillt ri thighinn.

Chaidh an strì airson ceartais a ghabhail os làimh le Iain Lom Dòmhnallach, a bha ainmeil mar Bhàrd na Ceapaich. Chaidh e gu Seumas Dòmhnallach, Fear Shlèite, a bha na fhear-dìon dha na gillean a mhurtadh. An sin, ghabh e òran a' moladh gaisgeachd agus gliocas aoigh, mun do dh'inns e mun mhurt 's mun do dh'iarr e taic. Dh'aontaich Seumas Dòmhnallach a bha loma-làn de bhrosgal a' bhàird, agus a bha feargach gun deach na gillean a bha fa dhìon a mhurt, gun cuidicheadh e. Chuir e iarrtas gu Pàrlamaid na h-Alba, agus fhuair e ùghdarras 'teine agus claidheamh' a chleachadh. Thug seo cead dha dòigh sam bith a chur an gnìomh gus na murtairean a chur fo smachd an lagha.

Air a' chòigeamh là dhen t-Sultainn 1663, chuir Bàrd na Ceapaich, a luchd-leantainn, agus caogad fhear-ionnsaigh o Sheumas Dòmhnallach, Fear Shlèite, taigh nam murtairtean an Inbhir Làir fo shèisd. Nuair a mhothaich iad gun robh an doras air a dhaingneachadh le bacadh, chuir iad teine ris an taigh, agus nuair a theich an teaghlach de mhurtairean on toit 's on teine, chaidh an gearradh don làr. Nuair a bha iad uile nan sìneadh marbh anns an fhraoch, thug Iain, Bàrd na Ceapaich, sgian o aon chorp, an dearbh thè a chaidh a cleachdadh gus Alasdair agus Ràghnall Dòmhnallach a mhurt. Leis an sgèin seo, gheàrr e na cinn o na seachd murtairean. Chuir e ròpa fraoich tromhpa, thilg e iad tarsainn a ghualainn, agus rinn e air an taigh. Air an rathad, stad e aig an tobar seo aig Loch Obhaich agus nigh e na cinn, mun d' tug e seachad iad do Mhorair MacDhòmhnaill agus Àrois aig Caisteal Inbhir Garaidh. Às an sin, chaidh na cinn gu Slèite, agus an uairsin gu Dùn Èideann. Thugadh seachad iad mar dhearbhadh gun deach am barantas 'teine is claidheamh' a choileanadh, agus gun d'fhuair an fheadhainn a rinn an eucoir oillteil ceartas Gàidhealach.'

[Clàrsach]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (13 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; bàird; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea