Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (14 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_14
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2415
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
bàtaichean-smùide pleadhanach
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

Neach-labhairt: Aig an Lagan. Thig sinn don earrainn as àirde dhen t-slighe-uisge. 'S ann an seo aig taobh an locha a bha fear de ghrunn àiteachan far am biodh luchd-siubhail nam bàtaichean-smùide a' faighinn oirfeideas gu cunbhalach.

Anna Ghrannd: Chuala sin dùd aig a' 'Ghondolier' a' tighinn sìos Loch Lòchaidh. Sguir sinn uile dhe na geamannan againn aig an sgoil, 's dh'fhalbh sinn ann an cabhaig tarsainn an rathaid (rud a bha glè chunnartach, nuair a smaoinicheas mi air), sìos gu na geataichean, agus nuair a ràinig am bàta mun gheata mheadhain, an t-àite bu shàbhailte gus seasamh, bhitheamaid tric a' seinn dhan luchd-shiubhail, a bha coimhead gu math beairteach dhuinne, 's iad air an sgeadachadh gu snasail. Mar a shaoileadh tu, bhiodh iad a' faighinn spòrs air an t-seinn againn - chan eil cuimhne agam dè bhitheamaid a' seinn, òrain a dh'ionnsaich sinn san sgoil, tha mi cinnteach - agus mar dhuais dhuinn, bhiodh iad a' sradadh a-mach sgillinnean agus bogsaichean de shuiteas. Glè thric 'Rock' Dhùn Èideann, tha cuimhn' agam, agus dhuinne nach robh ach a' faighinn sgillinn sa mhìos mar airgead-pòcaid, b' e manna a Nèamh a bha seo.

Uilleam Batchen: Aig an Lagan, bha oirfeideas daonnan ann. Agus bha gille an sin - gu fìrinneach gach bliadhna ron chogadh, bha fear Èireannach an sin, agus b' e Pàdraig a bh' againn air. Agus b' e oirfeideach a bh' ann am Pàdraig. Chunnaic mi pìobaire an sin, ach bha Pàdraig daonnan ann, clacha'-mealain, dìle no grian, agus bha caman aige na làimh. Bha ad mhòr Èireannach air, seacaid dhubh, lèine gheal, cnot mu amhaich, briogais gheal, stocainnean dubh agus brògan bucailleach. Bhiodh e ri oirfeideachd an sin, agus aig deireadh an t-sèisein b' àbhaist dha a bhith dol tro na bailtean beaga

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (14 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; bàtaichean-smùide pleadhanach; claistinneach;

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea