Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
O mhuir gu muir (17 de 19)
EXTERNAL ID
HC_STS_FROMSEATOSEA_17
DEIT
2001
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Bob Pegg
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comhairle na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
2420
KEYWORDS
slighean-uisge
slighe-uisge
Camshronaich
claistinneach

Get Adobe Flash player

Tha an earrann a leanas a' tighinn o 'From sea to sea', lèirmheas chlaistinneach air eachdraidh, daoine, tìr agus cultar Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir. Chaidh am pròiseact seo a chruthachadh ann an 2001 le Bob Pegg, maoinichte le Comhairle na Gàidhealtachd tron phrògram 'Slighean-uisge beò' aig 'Slighean-uisge Bhreatainn'.

'Bràigh Loch Iall' (air aithris)

'Tha Bràigh Loch Iall aig a' cheann an iar de Loch Lòchaidh, ann an tìr nan Camshronach. Bha boireannach òg de Chlann Chamshroin a' fuireach aig aon àm aig àite ris an canar a' Mhòigh, faisg air far a bheil an t-seann drochaid a ghabhadh fhosgladh a' dol tarsainn air an t-slighe-uisge an-diugh. Bha i ainmeil tro sgìre Loch Abar gu lèir air sgàth a comas buidseachd, agus b' e 'Gormshùil' a bh' aig muinntir an àite oirre anns a' Ghàidhlig. A-rèir na sgeulachd, bha Loch Iall, ceannard Clann Chamshroin a' dol seachad air an taigh far an robh Gormshùil a' fuireach aon latha. 'Càite bheil thu dol?' dh'èigh i on doras. 'Dè tha sin dhutsa? ''Uill' arsa Gormshùil, 'Is iomadh uair a rinn beannachadh bhuamsa feum do iasgair no sealgair. Is àbhaist dhaibh a bhith sealbhach aig an abhainn neo anns a' bheinn, ma thig iad thugamsa an toiseach, agus mar sin carson nach dùirig mi deagh shealbh dhan cheann-chinnidh agam fhìn?'

Stad Loch Iall agus shuidh e, agus dh'inns e dhi gun do dh'iarr Iarla Athaill air a choinneachadh, feuch an stèidhicheadh iad crìochan nan oighreachdan aca, ach gum feumadh e tighinn na aonar, gun còmhla ris ach pìobaire. Chrath Gormshùil a ceann. Na dèan sin', ars' ise. 'S e na dh'fheumas tu a dhèanamh a dhol air ais dhachaigh gu Achadh na Cairidh, grunn dhe na fir is fheàrr a th' agad a chruinneachadh, air an deagh uidheamachadh le armachd, agus am falach anns an fhraoch, faisg air an àite far a bheil sibh a' tachairt. Inns dhaibh gun cuir thu an linig sgàrlaid aig do chleòca dhan taobh a-muigh ma bhios dragh ann.'

Agus rinn Loch Iall dìreach mar a chomhairlich Gormshùil, agus an dèidh dha na fir aige a chur am falach, chaidh e air adhart a choinneachadh Iarla Athaill. Bha iad a' deasbad gu cruaidh fad ùine mhòir, ach cha b' urrainn dhaibh aontachadh. Gu h-obann, thug Iarla Athall a-mach fìdeag airgid a bha fon chleòc aige, agus aig fuaim fead fada cruaidh leum còmhlan de dh'fhir le armachd suas air a chùlthaobh. 'Cò iadsan?' dh'fhoighnich Loch Iall. 'Seo caoraich Athall a' tighinn a dh'ithe feur Loch Abar.' Leis a sin, thilg Loch Iall linig sgàrlaid a chleòca tarsainn a ghualainn, agus leum na fir aige fhèin a-mach on àite-fhalaich aca. 'Uill' ars esan, 'seo coin Loch Iall a' tighinn a chuir ruaig air caoraich Athall o fheur Loch Abar.' Chunnaic Athall sa bhad gun robh barrachd ann dhiubh, agus ghèill e; dh'fhuiricheadh a' chrìoch mar a bha i. Sheinn pìobaire Loch Iall port buaidh agus chaidh Loch Iall agus na fir aige dhachaigh.

Air an rathad dhachaigh, stad Loch Iall gus taing a thoirt do Ghormshùil air a' chomhairle a thug dìon dhan oighreachd aige agus a shàbhail a bheatha. Gheall e dhi fàbhar sam bith a bhiodh i ag iarraidh. 'Uill,' ars' ise, 'tha mi toilichte gun do dh'èist thu rium, ach a dh'aindeoin d' fhaclan coibhneil, crochaidh tu mo mhac aon latha.' 'Cha dèan gu sìorraidh!' arsa Loch Iall le iongnadh. 'Chan fheum thu ach tighinn agus an là seo a chur nam chuimhne, agus ge bith dè an cron a rinn do mhac sàbhailidh mi e, air do sgàth.'

Uill, chaidh na bliadhnaichean seachad, agus dh'fhàs am mac aig Gormshùil suas. Aon latha, bha e a-muigh anns a' bheinn cuide ri caraid, mac nàbaidh, nuair a thachair e ri coigreach. Stad na fir òga e, ach dhiùlt an coigreach innse dhaibh dè a ghnothach, agus on argamaid a bh' ann thòisich sabaid. Bhuail mac an nàbaidh buille air an duine a bha na bu chruaidhe na bha fainear dha agus thuit an coigreach marbh. Theich na fir òga dhachaigh, agus an t-eagal orra mu bhuaidh a bhiodh aig na thachair. Ach thuirt Gormshùil, 'Seo a nì sinn. Gabhaidh mo mhac air fhèin an coire agus thèid mi gu Loch Iall gus cuimhneachadh dha mun ghealltanas a rinn e o chionn iomadh bliadhna gun toireadh e mathanas.' Mar sin, leig a mac e fhèin seachad agus thugadh e gu toll-dubh ri taobh Loch Arcaig fhad 's a bha e feitheamh air dol gu cùirt., agus dh'fhalbh a mhàthair a' coiseachd gu Achadh na Cairidh. Mu mhìle seachad air Geàrr Lòchaidh tha abhainn agus ann an aon de na glumagan dorcha aice chunnaic i bradan mòr. Bha an cothrom ro mhath gus a leigeil seachad - dhèanadh e biadh fad latha no dhà - agus dh'iarr i daoine air an rathad a cuideachadh. Ach lean iad orra ann an cabhaig; bha daoine fhathast teagmhach mu na dòighean neònach aice. Mar sin, shiubhail Gormshùil tron uisge na h-aonar, suas gu h-adhbrannan, agus an uairsin suas ga glùinean. Dìreach an uairsin, thàinig sruth sìos an abhainn, leag e i agus sguab e i a- mach gu uisge domhainn Loch Lòchaidh.

Mun d' fhuair Loch Iall fios gun robh Gormshùil a' tighinn agus mun adhbhar, bha an cothrom seachad; bha a mac air a chrochadh. Agus fad ùine, tha iad ag ràdh, b' e 'Allt a' Bhradain' a bh' aig muinntir na sgìre air an abhainn, no chanadh cuid eile 'Allt Ghormshùil' ris, an t-àite mu dheireadh far am facar Gormshùil na Mòighe ann an dùthaich Loch Iall'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

O mhuir gu muir (17 de 19)

2000an

slighean-uisge; slighe-uisge; Camshronaich; claistinneach

Comhairle na Gàidhealtachd

The Highland Council: From Sea to Sea