Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 5 'Seafield' agus HR 22 'Aviemore'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_018
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24531
KEYWORDS
railway locomotives
Highland Railway locomotives
HR 5 'Seafield' and HR 22 'Aviemore'

Dealbh camara de HR 5 'Seafield' agus HR 22 'Aviemore' gun an trugaichean frithealaidh.

Chaidh an locomotaibh as fhaisg air a' chamara, HR 5 'Seafield' a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorns à Lìte sa Gearran 1858. Deilbhte le Alasdair Ailean, Stiùireadair Locomotaibhean aig Rèile Meadhan na h-Alba, bha co-chur rothan 2-4-0 aice agus chaidh a togail gu sònraichte airson trafaig bathair. B' i a' chiad tè de sheachd einnseanan air an robh an t-ainm clas 'Seafield'. Chaidh a gluasad gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr chruthachadh ann an 1865. Dh'ath-thog an HR i ann an 1880 le siolandairean nas motha agus ainm ùr,'Tain'. Lean i ag obair chun A' Chèitean 1897.

Chaidh HR 22 'Aviemore' a thogail san t-Sultain 1863 le Sarp Stiùbhart à Manchester. Bha i cuideachd air a dealbhadh le Ailean le co-chur rothan 2-4-0, agus chaidh a togail mar fhreagairt aison an fheum airson locomotaibhean a bha comasach air trèanaichean bathair a tharraing air an t-slighe ùr gu deas. B' i aon de dheich einnseanan a bha a' dèanamh suas clas'18'. Dh'ath-thog Rèile na Gàidhealtachd HR 22 le siolandairean nas motha sa Mhàrt 1873 agus a-rithist san Lùnastal 1876 mus deach a toirt a-mach à seirbheis ann an 1896

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 5 'Seafield' agus HR 22 'Aviemore'

railway locomotives; Highland Railway locomotives

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)

Dealbh camara de HR 5 'Seafield' agus HR 22 'Aviemore' gun an trugaichean frithealaidh. <br /> <br /> Chaidh an locomotaibh as fhaisg air a' chamara, HR 5 'Seafield' a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorns à Lìte sa Gearran 1858. Deilbhte le Alasdair Ailean, Stiùireadair Locomotaibhean aig Rèile Meadhan na h-Alba, bha co-chur rothan 2-4-0 aice agus chaidh a togail gu sònraichte airson trafaig bathair. B' i a' chiad tè de sheachd einnseanan air an robh an t-ainm clas 'Seafield'. Chaidh a gluasad gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr chruthachadh ann an 1865. Dh'ath-thog an HR i ann an 1880 le siolandairean nas motha agus ainm ùr,'Tain'. Lean i ag obair chun A' Chèitean 1897.<br /> <br /> Chaidh HR 22 'Aviemore' a thogail san t-Sultain 1863 le Sarp Stiùbhart à Manchester. Bha i cuideachd air a dealbhadh le Ailean le co-chur rothan 2-4-0, agus chaidh a togail mar fhreagairt aison an fheum airson locomotaibhean a bha comasach air trèanaichean bathair a tharraing air an t-slighe ùr gu deas. B' i aon de dheich einnseanan a bha a' dèanamh suas clas'18'. Dh'ath-thog Rèile na Gàidhealtachd HR 22 le siolandairean nas motha sa Mhàrt 1873 agus a-rithist san Lùnastal 1876 mus deach a toirt a-mach à seirbheis ann an 1896