Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 1A 'Needlefield'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_037
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24545
KEYWORDS
railway locomotives
Highland Railway locomotives
Highland Railway Society
HRS
HR 1A 'Needlefield'

Dealbh camara de HR 1A 'Needlefield'.

Chaidh an locomotaibh seo a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorns à Lìte sa Chèitean 1863 agus bha co-chur rothan 0-4-0 aice. Chaidh an t-ainm tùsail 'Hopeman' agus an t-àireamh 17 a thoirt dhi. Chaidh a gluasad gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr-chruthachadh ann an 1865. Dh'ath-thog an HR i ann an 1867 mar einnsesan tanca 0-4-2 agus dh'atharraich iad a h-àireamh gu 17A san Dùbhlachd 1879. Chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Needlefield' ann an 1880 air sgàth 's gun robh i air uiread de dh'ùine a chur seachad a' siuntadh ann an ionad-obrach nan carbadan ann an Inbhir Nis.

Ann an 1886 chaidh a h-atharrachadh gu bhith air a cleachdadh mar einnsean gun ghluasad airson a bhith a' dràibheadh muileann-sàbhaidh a' chompanaidh aig ionad-obrach Loch Gorm far an do dh'fhan i airson 12 bliadhna. Chaidh a h-ath-thogail a-rithist ann an 1898 gus am faodadh i tilleadh gu obair shuntaidh aig ionad-obrach nan carbadan. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 1A aig an àm seo. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis agus a reic ann an 1902

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 1A 'Needlefield'

railway locomotives; Highland Railway locomotives; Highland Railway Society; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)

Dealbh camara de HR 1A 'Needlefield'.<br /> <br /> Chaidh an locomotaibh seo a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Hawthorns à Lìte sa Chèitean 1863 agus bha co-chur rothan 0-4-0 aice. Chaidh an t-ainm tùsail 'Hopeman' agus an t-àireamh 17 a thoirt dhi. Chaidh a gluasad gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr-chruthachadh ann an 1865. Dh'ath-thog an HR i ann an 1867 mar einnsesan tanca 0-4-2 agus dh'atharraich iad a h-àireamh gu 17A san Dùbhlachd 1879. Chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Needlefield' ann an 1880 air sgàth 's gun robh i air uiread de dh'ùine a chur seachad a' siuntadh ann an ionad-obrach nan carbadan ann an Inbhir Nis.<br /> <br /> Ann an 1886 chaidh a h-atharrachadh gu bhith air a cleachdadh mar einnsean gun ghluasad airson a bhith a' dràibheadh muileann-sàbhaidh a' chompanaidh aig ionad-obrach Loch Gorm far an do dh'fhan i airson 12 bliadhna. Chaidh a h-ath-thogail a-rithist ann an 1898 gus am faodadh i tilleadh gu obair shuntaidh aig ionad-obrach nan carbadan. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 1A aig an àm seo. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis agus a reic ann an 1902