Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 16118 air taobh a-muigh Taigh-cruinn Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_110
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24602
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
LMS 16118 outside Inverness Roundhouse

B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locomotaibhean a chaidh a thogail aig ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locomotaibh a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan. Tha iad sin air am meas mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rèile Lunnainn Brighton & an Oirthir a Deas.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 16118 air taobh a-muigh an taigh-cruinn ann an Inbhir Nis. B' i a' chiad den chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail sa Ghiblean 1869. B' e 'Balnain' an t-ainm tùsail a bh' oirre agus chaidh a h-ath-thogail sa Ghearran 1896 agus air a h-ath-ainmeachadh 'Dornach' ann an 1902 nuair a b' i an locomotaibh a bha ag obrachadh Rèile Aotrom Dhòrnaich.

Anns na bliadhnachan mu dheireadh de a beatha chaidh i tro dhiofar atharrachadh àireamh: gu 56A san Iuchar 1919, air ais gu 56 san t-Sultain 1919, gu 56A a-rithist san Iuchar 1921 agus 56B sa Chèitean 1922. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 16118 a bh' oirre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 16118 air taobh a-muigh Taigh-cruinn Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)

B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locomotaibhean a chaidh a thogail aig ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locomotaibh a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan. Tha iad sin air am meas mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rèile Lunnainn Brighton & an Oirthir a Deas.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 16118 air taobh a-muigh an taigh-cruinn ann an Inbhir Nis. B' i a' chiad den chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail sa Ghiblean 1869. B' e 'Balnain' an t-ainm tùsail a bh' oirre agus chaidh a h-ath-thogail sa Ghearran 1896 agus air a h-ath-ainmeachadh 'Dornach' ann an 1902 nuair a b' i an locomotaibh a bha ag obrachadh Rèile Aotrom Dhòrnaich.<br /> <br /> Anns na bliadhnachan mu dheireadh de a beatha chaidh i tro dhiofar atharrachadh àireamh: gu 56A san Iuchar 1919, air ais gu 56 san t-Sultain 1919, gu 56A a-rithist san Iuchar 1921 agus 56B sa Chèitean 1922. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 16118 a bh' oirre