Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 16 'Fort George'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_118
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24609
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 16 'Fort George'

B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locomotaibhean a chaidh a thogail aig ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locomotaibh a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan (ann an 1869, 1872 agus 1874. Tha iad sin air am meas mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rèile Lunnainn Brighton & an Oirthir a Deas. Mhair na trì locomotaibhean uile gu làithean LMS.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 16 'Fort George' anns an àrd-chabhsair aig aon de na stèiseanan air loidhne meòir Dhùn Deòrsa. B' i an tè mu dheireadh den chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail san Dàmhair 1874. B' e 'St Martins' an t-ainm tùsail a bh' oirre (an dàrna loco aig HR air an robh an t-ainm sin) agus chaidh a h-ath-thogail anns an Ògmhios 1896 agus chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Fort George' ann an 1899. Dà bhliadhna an dèidh sin chaidh a h-ath-àireamhachadh 49. Chaidh a h-ath-àireamhachadh a-rithist san Iuchar 1912 mar 49A agus an dèidh a bhuidhneachaidh b' e LMS 16383 a bh' innte. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Fhaoilleach 1927

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 16 'Fort George'

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)

B' e trì tancaichean dìollaid 0-6-0 a' chiad locomotaibhean a chaidh a thogail aig ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd ann an Inbhir Nis. B' e an aon dealbhachadh ùr de locomotaibh a chaidh a thoirt a-steach rè ùine Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh. Cha deach a thogail ach trì einnseanan (ann an 1869, 1872 agus 1874. Tha iad sin air am meas mar ro-ruithear clas 'Terrier', no A1 de dh'einnsean tanca aig Rèile Lunnainn Brighton & an Oirthir a Deas. Mhair na trì locomotaibhean uile gu làithean LMS.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 16 'Fort George' anns an àrd-chabhsair aig aon de na stèiseanan air loidhne meòir Dhùn Deòrsa. B' i an tè mu dheireadh den chlas 'Lochgorm' a chaidh a thogail san Dàmhair 1874. B' e 'St Martins' an t-ainm tùsail a bh' oirre (an dàrna loco aig HR air an robh an t-ainm sin) agus chaidh a h-ath-thogail anns an Ògmhios 1896 agus chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Fort George' ann an 1899. Dà bhliadhna an dèidh sin chaidh a h-ath-àireamhachadh 49. Chaidh a h-ath-àireamhachadh a-rithist san Iuchar 1912 mar 49A agus an dèidh a bhuidhneachaidh b' e LMS 16383 a bh' innte. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Fhaoilleach 1927