Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 4 'Ardross'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_136
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24624
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 4 'Ardross'

Ghabh a phrìomh neach-cuideachaidh, Daibhidh Jones, àite Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean aig Rèile na Gàidhealtachd ann an 1870. B' e a' chiad locomotaibh a chaidh a thogail de dhealbhadh Jones an clas 'Duke 4-4-0 a bha ag obair air trèanaichean luath luchd-siubhail. Chaidh deich a thogail le Dübs à Glaschu ann an 1874 (àireamhan 60 gu 69) agus chaidh seachd eile a dhèanamh ann an Inbhir Nis eadar 1876 agus 1888 (àireamhan 4, 71 gu 75 agus 84. Glè thric thathas a' toirt iomradh air na trèanaichean as fhaide sin mar 'Lochgorm Bogies'.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR4 'Ardross'. Chaidh a crìochnachadh anns an Iuchar 1876 agus b' i an dàrna tè de dh'einnseanan a' chompanaidh air an robh an t-ainm sin. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 31 sa Ghearran 1899 agus a h-ath-ainmeachadh 'Auchtertyre' ann an 1901. Chaidh a h-ath-àireamhachadh a-rithist, gi 31A san t-Sultain 1911 mus a deach a toirt a-mach à seirbheis agus a reic sa Mhàrt 1913

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 4 'Ardross'

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 1 (pre-1870 classes)

Ghabh a phrìomh neach-cuideachaidh, Daibhidh Jones, àite Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean aig Rèile na Gàidhealtachd ann an 1870. B' e a' chiad locomotaibh a chaidh a thogail de dhealbhadh Jones an clas 'Duke 4-4-0 a bha ag obair air trèanaichean luath luchd-siubhail. Chaidh deich a thogail le Dübs à Glaschu ann an 1874 (àireamhan 60 gu 69) agus chaidh seachd eile a dhèanamh ann an Inbhir Nis eadar 1876 agus 1888 (àireamhan 4, 71 gu 75 agus 84. Glè thric thathas a' toirt iomradh air na trèanaichean as fhaide sin mar 'Lochgorm Bogies'.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR4 'Ardross'. Chaidh a crìochnachadh anns an Iuchar 1876 agus b' i an dàrna tè de dh'einnseanan a' chompanaidh air an robh an t-ainm sin. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 31 sa Ghearran 1899 agus a h-ath-ainmeachadh 'Auchtertyre' ann an 1901. Chaidh a h-ath-àireamhachadh a-rithist, gi 31A san t-Sultain 1911 mus a deach a toirt a-mach à seirbheis agus a reic sa Mhàrt 1913