- TIOTAL
- HR 70A air an loidhne brisidh ann an Cùil Lodair, 1923
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_145
- ÀITE
- Cùil Lodair
- SGÌRE
- Inverness
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 28 An Lùnastal 1923
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 24630
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Ghabh a phrìomh neach-cuideachaidh, Daibhidh Jones, àite Uilleam Stroudley mar àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean aig Rèile na Gàidhealtachd ann an 1870. B' e a' chiad locomotaibh a chaidh a thogail de dhealbhadh Jones an clas 'Duke 4-4-0 a bha ag obair air trèanaichean luath luchd-siubhail. Chaidh deich a thogail le Dübs à Glaschu ann an 1874 (àireamhan 60 gu 69) agus chaidh seachd eile a dhèanamh ann an Inbhir Nis eadar 1876 agus 1888 (àireamhan 4, 71 gu 75 agus 84. Glè thric thathas a' toirt iomradh air na trèanaichean as fhaide sin mar 'Lochgorm Bogies'.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70A 'The Duke' air an loidhne brisidh ann an Cùil Lodair. Chaidh a crìochnachadh ann san Lùastal 1874, agus b'e 67 an t-àieamh tùsail a bh' oirre. Chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Cromartie san Fhaoilleach 1877 agus chaidh a h-ath-thogail dà uair, sa Gearran 1888 agus san t-Sultain 1998. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 70A sa Ghearran 1923, goirid mus deach a toirt a-mach à seirbheis na b' fhaide dhen bhliadhna sin