Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 50B ri taobh drochaid rathaid Ghlaschu ann am Peairt
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_187
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24660
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 50B by the Glasgow road bridge in Perth

Ann an 1878 agus 1879 thog Rèile na Gàidhealtachd trì einnseanan tanca 2-4-0 aig ionad-obrach Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Chaidh an àireamhachadh 17, 58 agus 59 bho thùs agus b' e obair siuntaidh a' bhun-obair. Chaidh na trì a-null gu sealbh LMS.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR50B ri taobh drochaid rathaid Ghlaschu ann am Peairt. Chaidh a crìochnachadh san Dùbhlachd 1879 agus b'e 'Breadalbane an t-ainm tùsail a bh' oirre, an dàrna loco aig HR air an robh an t-ainm sin, agus bha an t-àireamh 17 aice. Chaidh a h-ath-thogail mar einnsean tanca 4-4-0 san Iuchair 1887. Chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Aberfeldy' ann an 1886 (ainm a bh' oirre gu 1906) agus chaidh a h-ath-àireamhachadh trì turais: 50 san t-Samhain 1900, 50A san Dùbhlachd 1912 agus 50B san Lùnastal 1922. Nuair a ghluais i gu LMS, chaidh a h-ath-pheantadh ann an dathan sònraichte crò-dhearg a' chompanaidh agus a h-ath-àireamhachadh 15012. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1929

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 50B ri taobh drochaid rathaid Ghlaschu ann am Peairt

PEAIRT

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Ann an 1878 agus 1879 thog Rèile na Gàidhealtachd trì einnseanan tanca 2-4-0 aig ionad-obrach Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Chaidh an àireamhachadh 17, 58 agus 59 bho thùs agus b' e obair siuntaidh a' bhun-obair. Chaidh na trì a-null gu sealbh LMS.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR50B ri taobh drochaid rathaid Ghlaschu ann am Peairt. Chaidh a crìochnachadh san Dùbhlachd 1879 agus b'e 'Breadalbane an t-ainm tùsail a bh' oirre, an dàrna loco aig HR air an robh an t-ainm sin, agus bha an t-àireamh 17 aice. Chaidh a h-ath-thogail mar einnsean tanca 4-4-0 san Iuchair 1887. Chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Aberfeldy' ann an 1886 (ainm a bh' oirre gu 1906) agus chaidh a h-ath-àireamhachadh trì turais: 50 san t-Samhain 1900, 50A san Dùbhlachd 1912 agus 50B san Lùnastal 1922. Nuair a ghluais i gu LMS, chaidh a h-ath-pheantadh ann an dathan sònraichte crò-dhearg a' chompanaidh agus a h-ath-àireamhachadh 15012. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1929