Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' cuimhneachadh a' Chogaidh - Ida Donnachie
EXTERNAL ID
IDA_DONNACHIE_INTERVIEW
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Baile Dhubhthaich
DEIT
An Dùbhlachd 2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Tain & District Museum
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Sgìreil Bhaile Dhubhthaich
AITHNEACHADH MAOINE
2469
KEYWORDS
àm cogaidh
an Dara Cogaidh
saighdearan
Às-fhalmhaichean
bhideo
bhideothan

Get Adobe Flash player

Rinn Wattie Loudon agallamh còmhla ri Ida Donnachie às leth Taigh-tasgaidh Sgìreil Bhaile Dhubhthaich san Dùbhlachd 2005. Bha an t-agallamh mar phàirt de phròiseact air na bha cuimhne aig daoine air beatha muinntir an àite aig àm an Dara Cogaidh.

Am measg nan cuspairean air an do bhruidhinn Ida tha:

- Gnìomhachas a pàrantan ann am Baile Dhubhthaich ("The Chocolate Shop")
- Fir na sgìre a' falbh dhan Fhraing san Fhaoilleach 1940
- Saighdearan à Nirribhidh (Am Prionnsa Olaf nam measg) a' tighinn a Bhaile Dhubhthaich
- Na Camshronaich ann am Baile Dhubhthaich mus do dh'fhalbh iad dhan Eadailt
- Mar b'fheudar dha h-athair, a rugadh san Eadailt, gluasad a Bhaile Chloichridh dha aindeoin (oir bha Baile Dhubhthaich na sgìre armailteach fo dhìon.) (Ged a rugadh a màthair ann an Alba, b'fheudar dhìse falbh cuideachd oir bha i air a meas mar Eadailteach. Chaidh leigeil leatha tilleadh mu dheireadh an dèidh dhi bòidean dìlseachd a ghabhail dhan Rìgh air beulaibh Maor Ceartais. Cha b' urrainn dha h-athair tilleadh gus an ghèill An Eadailt.
- Chuir a h-athair seachad an ùine ann am Baile Chloichridh a' leagail chraobhan as t-samhradh airson trostain-taice dha na mèinnean. Bha teaghlaichean Eadailteach à Inbhir Pheofharain còmhla ris. Sa gheamhradh bha e ag obair a' frithealadh bhùird ann an Taigh-òsta Lùchairt Athaill a bha air atharrachadh gu bhith na sgoil-chòmhnaidh do ghillean a chuireadh a-nuas à Sgoil Leys, Cambridge. B' e fear dhe na maighstirean-sgoile ann an Sgoil Leys, Mgr Balharry. B' ann airsan a bha an caractar Mr Chips stèidhte (air a sgrìobhadh le Seumas Hilton, a chaidh a Sgoil Leys)

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' cuimhneachadh a' Chogaidh - Ida Donnachie

ROS: Baile Dhubhthaich

2000an

àm cogaidh; an Dara Cogaidh; saighdearan; Às-fhalmhaichean; bhideo; bhideothan

Taigh-tasgaidh Sgìreil Bhaile Dhubhthaich

Tain & District Through The War Years