Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 70A aig seada Inbhir Nis, An t-Iuchair 1922
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_232
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
22 An t-Iuchar 1922
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24704
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 70A at Inverness shed, July 1922

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70A aig seada Inbhir Nis sa Iuchair 1922. B' i a' chiad sa chlas a chaidh a thogail, sa Chèitean 1882, agus bha an t-àireamh 70 oirre bho thùs. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair, gu 70A san Fhaoilleach 1912 agus 67 sa Ghearran 1923. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14277 a' bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1929

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 70A aig seada Inbhir Nis, An t-Iuchair 1922

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70A aig seada Inbhir Nis sa Iuchair 1922. B' i a' chiad sa chlas a chaidh a thogail, sa Chèitean 1882, agus bha an t-àireamh 70 oirre bho thùs. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair, gu 70A san Fhaoilleach 1912 agus 67 sa Ghearran 1923. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14277 a' bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1929