Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 70A ann an Inbhir Nis, an t-Iuchair 1915
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_233
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1 An t-Iuchar 1915
LINN
1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24705
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 70A at Inverness, July 1915

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70A san Iuchair 1915. B' i a' chiad sa chlas a chaidh a thogail, sa Chèitean 1882, agus bha an t-àireamh 70 oirre bho thùs. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair, gu 70A san Fhaoilleach 1912 agus 67 sa Ghearran 1923. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14277 a' bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1929

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 70A ann an Inbhir Nis, an t-Iuchair 1915

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1910an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 70A san Iuchair 1915. B' i a' chiad sa chlas a chaidh a thogail, sa Chèitean 1882, agus bha an t-àireamh 70 oirre bho thùs. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair, gu 70A san Fhaoilleach 1912 agus 67 sa Ghearran 1923. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14277 a' bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1929