Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 85 sa Chaol
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_248
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24719
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 85 at Kyle

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 85 sa Chaol. B' i a' chiad de thrì 'Skye Bogies' a bharrachd a chaidh òrdachadh an dèidh dha leudachadh na loidhne eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse a bhith air a gairm agus chaidh a crìochnachadh san Lùnastal 1892. Chaidh a h-ath-àireamhachadh tri turais ron bhuidhneachaidh: gu 85A sa Ghiblean 1918, air ais gu 85 san t-Sultain 1919 agus an uair sin 85A a-rithist dà mhìos an dèidh sin. A dh'aindeoin 's gun do ghluais i gu LMS b' i an aon tè sa chlas nach d' fhuair àireamh bhon chompanaidh ùr agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1923

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 85 sa Chaol

ROS: Loch Aillse

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 85 sa Chaol. B' i a' chiad de thrì 'Skye Bogies' a bharrachd a chaidh òrdachadh an dèidh dha leudachadh na loidhne eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse a bhith air a gairm agus chaidh a crìochnachadh san Lùnastal 1892. Chaidh a h-ath-àireamhachadh tri turais ron bhuidhneachaidh: gu 85A sa Ghiblean 1918, air ais gu 85 san t-Sultain 1919 agus an uair sin 85A a-rithist dà mhìos an dèidh sin. A dh'aindeoin 's gun do ghluais i gu LMS b' i an aon tè sa chlas nach d' fhuair àireamh bhon chompanaidh ùr agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1923