Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 34 sa Chaol, An Lùnastal 1906
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_250
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
Lùnastal 1906
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24721
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
HR 34 at Kyle, August 1906

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 34 sa Chaol. Chaidh a crìochnachadh san Iuchair 1898 agus b' e HR 7 an t-àireamh tùsail a bh' oirre agus b' i aon de na h-einnseanan a chiadh a thogail le leasachaidhean Phàdraig Dhruiminn. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 34 ann an 1899 agus an dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14284 a bh' oirre. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghiblean 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 34 sa Chaol, An Lùnastal 1906

ROS: Loch Aillse

1900an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 34 sa Chaol. Chaidh a crìochnachadh san Iuchair 1898 agus b' e HR 7 an t-àireamh tùsail a bh' oirre agus b' i aon de na h-einnseanan a chiadh a thogail le leasachaidhean Phàdraig Dhruiminn. Chaidh a h-ath-àireamhachadh 34 ann an 1899 agus an dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14284 a bh' oirre. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghiblean 1930