Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14270 ann an Inbhir Nis, an t-Ògmhios 1927
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_251
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
17 An t-Ògmhios 1927
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24723
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
LMS 14279 at Inverness, June 1927

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14279 ann an Inbhir Nis san Ògmhios 1927. Chaidh a crìochnachadh sa Ghearran 1893 agus b' e HR 86 an t-àireamh tùsail a bh' oirre. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 86A sa Ghiblean 1918 agus air ais gu 86 san t-Sultain 1919. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14279 a bh' oirre agus lean i an an seirbheis gus an deach a' toirt a-mach à seirbheis san Dàmhair 1927

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14270 ann an Inbhir Nis, an t-Ògmhios 1927

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh tùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14279 ann an Inbhir Nis san Ògmhios 1927. Chaidh a crìochnachadh sa Ghearran 1893 agus b' e HR 86 an t-àireamh tùsail a bh' oirre. Chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 86A sa Ghiblean 1918 agus air ais gu 86 san t-Sultain 1919. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14279 a bh' oirre agus lean i an an seirbheis gus an deach a' toirt a-mach à seirbheis san Dàmhair 1927