Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 85A air an loidhne brisidh san Aghaidh Mhòr
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_279
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24746
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 85A on the scrap line at Aviemore

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh thùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 85A air an loidne brisidh san Aghaidh Mhòr. B' i a' chiad de thrì 'Skye Bogies' a bharrachd a chaidh òrdachadh an dèidh dha leudachadh na loidhne eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse a bhith air a gairm. Chaidh a crìochnachadh san Lùnastal 1892 agud b'e 85 an t-àireamh tùsail a bh' oirre. Chaidh a h-ath-àireamhachadh tri turais ron bhuidhneachaidh: gu 85A sa Ghiblean 1918, air ais gu 85 san t-Sultain 1919 agus an uair sin 85A a-rithist dà mhìos an dèidh sin. A dh'aindeoin 's gun do ghluais i gu LMS b' i an aon tè sa chlas nach d' fhuair àireamh bhon chompanaidh ùr agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1923

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 85A air an loidhne brisidh san Aghaidh Mhòr

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh thùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 85A air an loidne brisidh san Aghaidh Mhòr. B' i a' chiad de thrì 'Skye Bogies' a bharrachd a chaidh òrdachadh an dèidh dha leudachadh na loidhne eadar Port an t-Sròim agus Caol Loch Aillse a bhith air a gairm. Chaidh a crìochnachadh san Lùnastal 1892 agud b'e 85 an t-àireamh tùsail a bh' oirre. Chaidh a h-ath-àireamhachadh tri turais ron bhuidhneachaidh: gu 85A sa Ghiblean 1918, air ais gu 85 san t-Sultain 1919 agus an uair sin 85A a-rithist dà mhìos an dèidh sin. A dh'aindeoin 's gun do ghluais i gu LMS b' i an aon tè sa chlas nach d' fhuair àireamh bhon chompanaidh ùr agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1923