Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 87 ann an Inbhir Nis, An Lùnastal 1923
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_287
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
27 An Lùnastal 1923
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24754
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 87 at Inverness, August 1923

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh thùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 87 ann an Inbhir Nis san Lùnastal 1923. Chaidh a crìochnachadh san Dùbhlachd 1893 agus lean i an an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1926. A dh'aindeoin 's gun deach an t-àireamh LMS 14280 a thoirt dhi an dèidh a' bhuidhneachaidh, cha deach an t-àireamh seo a chleachdadh riamh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 87 ann an Inbhir Nis, An Lùnastal 1923

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Skye Bogie' de locomotaibh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean, Daibhidh Jones. Chaidh an togail gu sònraichte airson obrachadh air loidhne Inbhir Pheofharain agus An Eilein Sgitheanaich. Chaidh naoi dhiubh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a' chompanaidh ann an Inbhir Nis eadar 1882 agus 1901. Bha Pàdraig Druiminn, a ghabh àite Jones, a' cumail sùil air na ceithir mu dheireadh, agus rinn esan beagan atharrachaidhean air an dealbhadh thùsail. Cha deach ainm a thoirt dha gin de na 'Skye Bogies' agus ghluais iad uile chun an LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 87 ann an Inbhir Nis san Lùnastal 1923. Chaidh a crìochnachadh san Dùbhlachd 1893 agus lean i an an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1926. A dh'aindeoin 's gun deach an t-àireamh LMS 14280 a thoirt dhi an dèidh a' bhuidhneachaidh, cha deach an t-àireamh seo a chleachdadh riamh