Ùrachadh mu Dheireadh 22/11/2016
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14271 ann an Inbhir Nis, An Cèitean 1928
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_336
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
15 An Cèitean 1928
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24806
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
LMS 14271 at Inverness, May 1928

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.



Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14271 'Sir George' ann an Inbhir Nis sa Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 89 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh ceithir turais: gu 89A sa Chèitean 1918; gu 89 san t-Sultain 1919; gu 89A san t-Samhain 1919 agus an uair sin 89 a-rithist san Lùnastal 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14271 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14271 ann an Inbhir Nis, An Cèitean 1928

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.<br /><br /> <br /><br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14271 'Sir George' ann an Inbhir Nis sa Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 89 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh ceithir turais: gu 89A sa Chèitean 1918; gu 89 san t-Sultain 1919; gu 89A san t-Samhain 1919 agus an uair sin 89 a-rithist san Lùnastal 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14271 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1930