Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 95 / LMS 14274 'Strathcarron' ann am Fachabair, An Cèitean 1930
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_347
ÀITE
Fachabair
SGÌRE
Fachabair
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
26 An Cèitean 1930
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24814
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 95 / LMS 14274 'Strathcarron' at Fochabers, May 1930

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14274 ann am Fachabair ann an 1930. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 95 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 95A sa Ghiblean 1919 agus air ais gu 95 san t-Sultain an aon bhliadhna. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14274 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 95 / LMS 14274 'Strathcarron' ann am Fachabair, An Cèitean 1930

MOIREIBH

1930an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14274 ann am Fachabair ann an 1930. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 95 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 95A sa Ghiblean 1919 agus air ais gu 95 san t-Sultain an aon bhliadhna. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14274 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1930