Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14272 'Strathdearn' a' shuntadh ann am Farrais, An Cèitean 1928
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_354
ÀITE
Farrais
SIORRACHD/PARRAIST
MOIREIBH
DEIT
16 An Cèitean 1928
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24822
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
LMS 14272 'Strathdearn' shunting at Forres, May 1928

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14272 'Strathdearn' a' shuntadh ann am Farrais sa Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 92 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh còig turais: gu 92A san Ògmhios 1918; gu 92 san Lùnastal 1918; gu 92A a-rithist sa Ghiblean 1919; gu 92 san t-Sultain 1919 agus 92A san Iuchar 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14272 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14272 'Strathdearn' a' shuntadh ann am Farrais, An Cèitean 1928

MOIREIBH

1920an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14272 'Strathdearn' a' shuntadh ann am Farrais sa Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 92 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh còig turais: gu 92A san Ògmhios 1918; gu 92 san Lùnastal 1918; gu 92A a-rithist sa Ghiblean 1919; gu 92 san t-Sultain 1919 agus 92A san Iuchar 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14272 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1930