Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS14271 'Sir George'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_371
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24836
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
LMS 14271 'Sir George'

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14271 'Sir George' ann an Inbhir Nis s Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 89 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh ceithir turais: gu 89A sa Chèitean 1918; gu 89 san t-Sultain 1919; gu 89A san t-Samhain 1919 agus an uair sin 89 a-rithist san Lùnastal 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14271 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1930

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS14271 'Sir George'

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Chaidh an clas 'Strath' de locomotaibhean 4-4-0 luchd-siubhail a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd le Nelson Reid & Co. à Glaschu ann an 1892. Chaidh an togail a rèir dealbhachadh Daibhidh Jones, àrd-neach-stiùiridh locomotaibhean a' chompanaidh, agus bha iad coltach nan dealbhachadh ri a locomotaibhean eile ach gun robh goileadairean na bu mhotha aca. Bha an dusan locomotaibh air an àireamhachadh 89 gu 100 agus ghluais sia dhiubh gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 14271 'Sir George' ann an Inbhir Nis s Chèitean 1928. Nuair a chaidh a crìochnachadh dha Rèile na Gàidhealtachd bha an t-àireamh 89 oirre agus chaidh a h-ath-àireamhachadh ceithir turais: gu 89A sa Chèitean 1918; gu 89 san t-Sultain 1919; gu 89A san t-Samhain 1919 agus an uair sin 89 a-rithist san Lùnastal 1922. B' i aon den chlas a ghluais gu sealbh LMS agus chaidh an t-àireamh 14271 a thoirt dhi leis a' chompanaidh ùr. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1930