- TIOTAL
- LMS 15013 aig taigh-cruinn Inbhir Nis, An t-Sultain 1929
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_416
- ÀITE
- Inbhir Nis
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
- DEIT
- 19 An t-Sultain 1929
- LINN
- 1920an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 24877
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Ann an 1892 fhuair Rèile na Gàidhealtachd dà einnsean tanca 4-4-0 a chaidh a thogail dha Rèile Mòr an Ear Uruguaidh ach cha do ghabh iad iad. An dèidh ùine dearbhaidh cheannaich iad an dà locomotaibh (HR 101 & 102) agus a' bhliadhna an dèidh sin, dh'òrdaich iad trì eile le mion-chomharrachadh glè choltach (HR 1, 14 & 15). Chaidh na còig 'Yankee Tanks' sin uile a thogail le Dübs & Co à Glaschu agus ghluais iad uile gu sealbh LMS.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15013 aig Taigh-cruinn Inbhir Nis san t-Sultain 1929. Air a h-àireamhachadh 101 le Rèile na Gàidhealtachd bho thùs chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 101A san Iuchar 1919 agus an uair sin air ais gu 101 san Lùnastal 1922. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 15013 a bh' oirre.agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Iuchar 1934