Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caley Bogies from Perth to Aviemore
EXTERNAL ID
NRM_FILM_001
DEIT
1960
LINN
1960an
CRUTHADAIR
John Adams and Patrick Whitehouse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
2489
KEYWORDS
rèilichean
einnseanan rèile
einnseanan trèana
trèanaichean

Get Adobe Flash player

Tha am film seo bho Chruinneachadh Iain MhicAdhaimh agus Phàdraig Whitehouse a tha fo chùram Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile ann an Iorc. Lorgar fiosrachadh a bharrachd mun chruinneachadh aig bonn an iomraidh seo. 'S e film gun fhuaim a tha seo.

Tha am film a' sealltainn dà einnsean "72" Seòrsa 4-4-0 le Rèile Chaledonia, BR 54485 agus 54486, air trèana bho Pheairt dhan Aghaidh Mhòir. Dealbhaichte le Uilleam Pickersgill, b' iad na h-einnseanan fìor-luath do luchd-siubhail mu dheireadh a chaidh a thogail airson Rèile Chaledonia agus chante "Caley Bogies" riutha. Bha iad air an togail le chèile ann an Glaschu ann an 1920 agus thugadh a-mach à seirbheis iad fa leth ann an 1961 agus 1962.

B' i an trèana a bha iad a' slaodadh tè a' Phuist 's nan Coidsichean-cadail a bhiodh a' ruith gach oidhche bho Euston ann an Lunnainn gu Inbhir Nis. Ràinig i Peairt ann an uairean beaga na maidne 's mar sin chaidh na h-einnseanan fhilmeadh a' dol an comhair an cùil gu trèana eile aig Peairt, latha ron àm, air sgàth nan camarathan a mhàin. B' e cho tràth 's a dh'fhàg i Peairt cuideachd as adhbhar gur e Blàr Athaill a' chiad stad air a shealltainn air an t-slighe a dh'Inbhir Nis oir cha robh solas gu leòr ann ron seo airson filmeadh.

Dhràibh Iain MacAdhaimh càr airson faighinn air thoiseach air an trèana agus film a thogail bho thaobh na loidhne.

MacAdhaimh & Whitehouse:
Ann an 1980 cheannaich Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile cruinneachadh bho Iain MacAdhaimh agus Pàdraig Whitehouse de mu 100 film goirid a tha ag aithris air Rèilichean Bhreatainn anmoch sna 1950an gu tràth sna 1960an. Chaidh an craoladh an toiseach air Prògraman Chloinne a' BhBC fon tiotal "Railway Roundabout".

Chaidh a' chiad "Railway Roundabout" a chraoladh air Uair a Thìde na Cloinne aig a' BhBC air 22 Giblean 1958. Chaidh gach prògram a chraoladh beò bho stiùidio ann am Birmingham le Iain agus Pàdraig a' cur aithris ri na filmichean. Chaidh na prògraman a chraoladh aig 5.30f agus cha b' fhada gus an robh àireamh mhath de dh'inbhich am measg an luchd-amhairc.

Lean an t-sreath airson beagan is ceithir bliadhna, 's chaidh am prògram mu dheireadh a-mach air 12 Sultain 1962. Mar bu trice bhiodh am filmeadh ga dhèanamh san Iuchar agus san Lùnastal gach bliadhna agus cha robhar a' craoladh tro na mìosan sin.

Chaidh "Railway Roundabout" a chraoladh aig aon de na h-amannan as inntinniche aig Rèilichean Bhreatainn. Thòisich a' chiad shreath dìreach trì bliadhna an dèidh Plana Ath-nuadhachadh Rèile Bhreatainn ann an 1955 agus chrìochnaich e bliadhna ro Aithisg mhì-cliùiteach Bheeching

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caley Bogies from Perth to Aviemore

1960an

rèilichean; einnseanan rèile; einnseanan trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

Adams & Whitehouse films for Railway Roundabout