Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 15014 aig taigh-cruinn Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_440
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1920an; 1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24899
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
LMS 15014 at Inverness roundhouse

Ann an 1892 fhuair Rèile na Gàidhealtachd dà einnsean tanca 4-4-0 a chaidh a thogail dha Rèile Mòr an Ear Uruguaidh ach cha do ghabh iad iad. An dèidh ùine dearbhaidh cheannaich iad an dà locomotaibh (HR 101 & 102) agus a' bhliadhna an dèidh sin, dh'òrdaich iad trì eile le mion-chomharrachadh glè choltach (HR 1, 14 & 15). Chaidh na còig 'Yankee Tanks' sin uile a thogail le Dübs & Co à Glaschu agus ghluais iad uile gu sealbh LMS.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15014 aig taigh-cruinn Inbhir Nis. Air a h-àireamhachadh 102 le Rèile na Gàidhealtachd bho thùs chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 101A san Iuchar 1919 agus an uair sin air ais gu 101 san Lùnastal 1922. Eadar 1901 ague 1923 b' e 'Munlochy' an t-ainm a bh' oirre. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 15014 a bh' oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Dùbhlachd 1934

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 15014 aig taigh-cruinn Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an; 1930an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Ann an 1892 fhuair Rèile na Gàidhealtachd dà einnsean tanca 4-4-0 a chaidh a thogail dha Rèile Mòr an Ear Uruguaidh ach cha do ghabh iad iad. An dèidh ùine dearbhaidh cheannaich iad an dà locomotaibh (HR 101 & 102) agus a' bhliadhna an dèidh sin, dh'òrdaich iad trì eile le mion-chomharrachadh glè choltach (HR 1, 14 & 15). Chaidh na còig 'Yankee Tanks' sin uile a thogail le Dübs & Co à Glaschu agus ghluais iad uile gu sealbh LMS.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15014 aig taigh-cruinn Inbhir Nis. Air a h-àireamhachadh 102 le Rèile na Gàidhealtachd bho thùs chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 101A san Iuchar 1919 agus an uair sin air ais gu 101 san Lùnastal 1922. Eadar 1901 ague 1923 b' e 'Munlochy' an t-ainm a bh' oirre. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 15014 a bh' oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Dùbhlachd 1934