Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 15014 ann an Inbhir Nis, An t-Ògmhios 1934
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_441
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
15 An t-Ògmhios 1934
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24900
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
LMS 15014 at Inverness, June 1934

Ann an 1892 fhuair Rèile na Gàidhealtachd dà einnsean tanca 4-4-0 a chaidh a thogail dha Rèile Mòr an Ear Uruguaidh ach cha do ghabh iad iad. An dèidh ùine dearbhaidh cheannaich iad an dà locomotaibh (HR 101 & 102) agus a' bhliadhna an dèidh sin, dh'òrdaich iad trì eile le mion-chomharrachadh glè choltach (HR 1, 14 & 15). Chaidh na còig 'Yankee Tanks' sin uile a thogail le Dübs & Co à Glaschu agus ghluais iad uile gu sealbh LMS.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15014 ann an Inbhir Nis san Ògmhios 1934, beagan mhìosan mus deach a toirt a-mach à seirbheis. Air a h-àireamhachadh 102 le Rèile na Gàidhealtachd bho thùs chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 101A san Iuchar 1919 agus an uair sin air ais gu 101 san Lùnastal 1922. Eadar 1901 ague 1923 b' e 'Munlochy' an t-ainm a bh' oirre. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 15014 a bh' oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Dùbhlachd 1934

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 15014 ann an Inbhir Nis, An t-Ògmhios 1934

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1930an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Ann an 1892 fhuair Rèile na Gàidhealtachd dà einnsean tanca 4-4-0 a chaidh a thogail dha Rèile Mòr an Ear Uruguaidh ach cha do ghabh iad iad. An dèidh ùine dearbhaidh cheannaich iad an dà locomotaibh (HR 101 & 102) agus a' bhliadhna an dèidh sin, dh'òrdaich iad trì eile le mion-chomharrachadh glè choltach (HR 1, 14 & 15). Chaidh na còig 'Yankee Tanks' sin uile a thogail le Dübs & Co à Glaschu agus ghluais iad uile gu sealbh LMS.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn LMS 15014 ann an Inbhir Nis san Ògmhios 1934, beagan mhìosan mus deach a toirt a-mach à seirbheis. Air a h-àireamhachadh 102 le Rèile na Gàidhealtachd bho thùs chaidh a h-ath-àireamhachadh dà uair: gu 101A san Iuchar 1919 agus an uair sin air ais gu 101 san Lùnastal 1922. Eadar 1901 ague 1923 b' e 'Munlochy' an t-ainm a bh' oirre. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 15014 a bh' oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Dùbhlachd 1934