Ùrachadh mu Dheireadh 23/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bhon Ghearasdan a Mhalaig
EXTERNAL ID
NRM_FILM_002
DEIT
1959
LINN
1950an
CRUTHADAIR
John Adams and Patrick Whitehouse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
2491
KEYWORDS
rèilichean
einnseanan rèile
einnseanan trèana
trèanaichean

Get Adobe Flash player

Tha am film seo bho Chruinneachadh Iain MhicAdhaimh agus Phàdraig Whitehouse a tha fo chùram Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile ann an Iorc. Lorgar fiosrachadh a bharrachd mun chruinneachadh aig bonn an iomraidh seo. 'S e film gun fhuaim a tha seo.

Chaidh loidhne a Ghearasdain a Mhalaig a chrìochnachadh ann an 1901 agus mar sin tha e air fear de na pròiseactan mòra togail rèile mu dheireadh ann am Breatainn. An-diugh tha e air fhaicinn mar fhear de na tursan rèile as bòidhche seallaidh air an t-saoghal.

Às a' Ghearastan tha an trèana ga slaodadh le einnsean Seòrsa "K2", 61784, a bha dealbhaichte an toiseach airson an Rèile Mhòr a Tuath. Chaidh a thogail san Iuchar 1921 agus bha e ann an seirbheis cha mhòr 40 bliadhna. Chaidh a briseadh airson sgudal sa Ghiblean 1961.

Tha an trèana a' tilleadh à Malaig cuideachd ga slaodadh le "K2", 61789, air an robh "Loch Laidon". Bha seo cuideachd air a thogail ann an 1921 agus chaidh a thoirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1959 agus a briseadh airson sgudal beagan mhìosan an dèidh sin.

Shiubhail fear den luchd-filmidh air an rathad airson 's gun togadh e film den trèana bho ri taobh na loidhne, gu h-àraidh nuair a bha i a' dol tarsainn air viaduct Ghleann Fhionghain. Chaidh am film a chraoladh ann an 1959.

MacAdhaimh & Whitehouse:
Ann an 1980 cheannaich Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile cruinneachadh bho Iain MacAdhaimh agus Pàdraig Whitehouse de mu 100 film goirid a tha ag aithris air Rèilichean Bhreatainn anmoch sna 1950an gu tràth sna 1960an. Chaidh an craoladh an toiseach air Prògraman Chloinne a' BhBC fon tiotal "Railway Roundabout".

Chaidh a' chiad "Railway Roundabout" a chraoladh air Uair a Thìde na Cloinne aig a' BhBC air 22 Giblean 1958. Chaidh gach prògram a chraoladh beò bho stiùidio ann am Birmingham le Iain agus Pàdraig a' cur aithris ri na filmichean. Chaidh na prògraman a chraoladh aig 5.30f agus cha b' fhada gus an robh àireamh mhath de dh'inbhich am measg an luchd-amhairc.

Lean an t-sreath airson beagan is ceithir bliadhna, 's chaidh am prògram mu dheireadh a-mach air 12 Sultain 1962. Mar bu trice bhiodh am filmeadh ga dhèanamh san Iuchar agus san Lùnastal gach bliadhna agus cha robhar a' craoladh tro na mìosan sin.

Chaidh "Railway Roundabout" a chraoladh aig aon de na h-amannan as inntinniche aig Rèilichean Bhreatainn. Thòisich a' chiad shreath dìreach trì bliadhna an dèidh Plana Ath-nuadhachadh Rèile Bhreatainn ann an 1955 agus chrìochnaich e bliadhna ro Aithisg mhì-cliùiteach Bheeching

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bhon Ghearasdan a Mhalaig

1950an

rèilichean; einnseanan rèile; einnseanan trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

Adams & Whitehouse films for Railway Roundabout