Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
"Gordon Highlander" air Loidhne Abhainn Spè
EXTERNAL ID
NRM_FILM_003
DEIT
1961
LINN
1960an
CRUTHADAIR
John Adams and Patrick Whitehouse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
2493
KEYWORDS
rèilichean
einnseanan rèile
einnseanan trèana
trèanaichean

Get Adobe Flash player

Tha am film seo bho Chruinneachadh Iain MhicAdhaimh agus Phàdraig Whitehouse a tha fo chùram Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile ann an Iorc. Lorgar fiosrachadh a bharrachd mun chruinneachadh aig bonn an iomraidh seo. 'S e film gun fhuaim a tha seo.

Tha am film a' sealltainn einnsean glèidhte Àir 49 Rèile Mhòr Ceann a Tuath na h-Alba (GNSR), "Gordon Highlander", air Loidhne Abhainn Spè na Companaidh ann an 1960. Chaidh a thogail ann an 1920 le Companaidh Locomotive Breatainn a Tuath ann an Glaschu agus bha e air fear de na dealbhaidhean mu dheireadh de einnseanan GNSR airson luchd-siubhail. B' e An Saighdear am far-ainm aige, agus thugadh a-mach à seirbheis e airson a ghleidheadh ann an 958.

Chaidh am film seo a chraoladh air 11 Giblean 1961.

MacAdhaimh & Whitehouse:
Ann an 1980 cheannaich Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile cruinneachadh bho Iain MacAdhaimh agus Pàdraig Whitehouse de mu 100 film goirid a tha ag aithris air Rèilichean Bhreatainn anmoch sna 1950an gu tràth sna 1960an. Chaidh an craoladh an toiseach air Prògraman Chloinne a' BhBC fon tiotal "Railway Roundabout".

Chaidh a' chiad "Railway Roundabout" a chraoladh air Uair a Thìde na Cloinne aig a' BhBC air 22 Giblean 1958. Chaidh gach prògram a chraoladh beò bho stiùidio ann am Birmingham le Iain agus Pàdraig a' cur aithris ri na filmichean. Chaidh na prògraman a chraoladh aig 5.30f agus cha b' fhada gus an robh àireamh mhath de dh'inbhich am measg an luchd-amhairc.

Lean an t-sreath airson beagan is ceithir bliadhna, 's chaidh am prògram mu dheireadh a-mach air 12 Sultain 1962. Mar bu trice bhiodh am filmeadh ga dhèanamh san Iuchar agus san Lùnastal gach bliadhna agus cha robhar a' craoladh tro na mìosan sin.

Chaidh "Railway Roundabout" a chraoladh aig aon de na h-amannan as inntinniche aig Rèilichean Bhreatainn. Thòisich a' chiad shreath dìreach trì bliadhna an dèidh Plana Ath-nuadhachadh Rèile Bhreatainn ann an 1955 agus chrìochnaich e bliadhna ro Aithisg mhì-cliùiteach Bheeching

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

"Gordon Highlander" air Loidhne Abhainn Spè

1960an

rèilichean; einnseanan rèile; einnseanan trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

Adams & Whitehouse films for Railway Roundabout