Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidhne an Eilein (aka Bathar Jones bhon Chaol a dh'Inbhir Pheofharain)
EXTERNAL ID
NRM_FILM_004
DEIT
1960-1961
LINN
1960an
CRUTHADAIR
John Adams and Patrick Whitehouse
NEACH-FIOSRACHAIDH
Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc
AITHNEACHADH MAOINE
2495
KEYWORDS
rèilichean
einnseanan rèile
einnseanan trèana
trèanaichean

Get Adobe Flash player

Tha am film seo bho Chruinneachadh Iain MhicAdhaimh agus Phàdraig Whitehouse a tha fo chùram Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile ann an Iorc. Lorgar fiosrachadh a bharrachd mun chruinneachadh aig bonn an iomraidh seo. 'S e film gun fhuaim a tha seo.

Tha am film seo a' tòiseachadh le einnsean glèidhte Àir 103 le Rèile na Gàidhealtachd sa Chaol as t-samhradh 1960 mus tug e trèana thràth an luchd mheasgaichte a dh'Inbhir Nis.

Tha an einnsean comharraichte oir b' e a' chiad fhear ann am Breatainn le co-chur rothan 4-6-0. Chaidh còig-deug a thogail airson Rèile na Gàidhealtachd ann an Glaschu ann an 1894 agus fhuair Rèile Lunnainn, a' Mheadhain agus na h-Alba sealbh orra uile an dèidh sin. Chaidh an toirt à seirbheis mean air mhean eadar 1929 agus 1940 agus chaidh gach aon airson sgudal ach Àir 103 a chuireadh air aon taobh airson gleidheadh ann an 1934. Chaidh a thoirt air ais gu staid obrachaidh le Rèile Bhreatainn ann an 1959.

Ann an da-rìribh thug am film cha mhòr dà bhliadhna ga chrìochnachadh oir bhris an einnsean aig Ach nan Seileach air a' chiad turas agus cha b' urrainn don luchd-filmidh feitheamh gus am biodh e air a chàradh agus mar sin thill iad an ath bhliadhna gus crìoch a chur air an fhilmeadh. Chaidh an gearradh deireannach a chraoladh mu dheireadh air 25 Giblean 1962.

MacAdhaimh & Whitehouse:
Ann an 1980 cheannaich Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile cruinneachadh bho Iain MacAdhaimh agus Pàdraig Whitehouse de mu 100 film goirid a tha ag aithris air Rèilichean Bhreatainn anmoch sna 1950an gu tràth sna 1960an. Chaidh an craoladh an toiseach air Prògraman Chloinne a' BhBC fon tiotal "Railway Roundabout".

Chaidh a' chiad "Railway Roundabout" a chraoladh air Uair a Thìde na Cloinne aig a' BhBC air 22 Giblean 1958. Chaidh gach prògram a chraoladh beò bho stiùidio ann am Birmingham le Iain agus Pàdraig a' cur aithris ri na filmichean. Chaidh na prògraman a chraoladh aig 5.30f agus cha b' fhada gus an robh àireamh mhath de dh'inbhich am measg an luchd-amhairc.

Lean an t-sreath airson beagan is ceithir bliadhna, 's chaidh am prògram mu dheireadh a-mach air 12 Sultain 1962. Mar bu trice bhiodh am filmeadh ga dhèanamh san Iuchar agus san Lùnastal gach bliadhna agus cha robhar a' craoladh tro na mìosan sin.

Chaidh "Railway Roundabout" a chraoladh aig aon de na h-amannan as inntinniche aig Rèilichean Bhreatainn. Thòisich a' chiad shreath dìreach trì bliadhna an dèidh Plana Ath-nuadhachadh Rèile Bhreatainn ann an 1955 agus chrìochnaich e bliadhna ro Aithisg mhì-cliùiteach Bheeching

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidhne an Eilein (aka Bathar Jones bhon Chaol a dh'Inbhir Pheofharain)

1960an

rèilichean; einnseanan rèile; einnseanan trèana; trèanaichean

Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Rèile, Iorc

Adams & Whitehouse films for Railway Roundabout