Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 ann an Dawshole, An t-Sultain 1959
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_495
ÀITE
Glaschu
DEIT
18 An t-Sultain 1959
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
24952
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 103 at Dawsholme, September 1959

Nuair a thug Rèile na Gàidhealtachd a-steach a' chiad einnsean den chlas 'Big Goods' deilbhte le Daibhidh Jones ann an 1894, b' iad a' chiad locomotaibhean ann am Breatainn aig an robh co-chur rothan 4-6-0 agus b' iad cuideachd na h-einnseanan prìomh-loidhne bu chumhachdaiche a bha ag obair san dùthaich. Chaidh 15 a thogail uile gu lèir le Sharp Stewart & Co ann an Glaschu (àireamhaichte 103 gu 117) agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 103 ann an Dawsholme ann an Glaschu. An dèidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a tilleadh gu òrdugh làn obrachaidh le Rèile Bhreatainn agus chuir i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 ann an Dawshole, An t-Sultain 1959

1950an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Nuair a thug Rèile na Gàidhealtachd a-steach a' chiad einnsean den chlas 'Big Goods' deilbhte le Daibhidh Jones ann an 1894, b' iad a' chiad locomotaibhean ann am Breatainn aig an robh co-chur rothan 4-6-0 agus b' iad cuideachd na h-einnseanan prìomh-loidhne bu chumhachdaiche a bha ag obair san dùthaich. Chaidh 15 a thogail uile gu lèir le Sharp Stewart & Co ann an Glaschu (àireamhaichte 103 gu 117) agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 103 ann an Dawsholme ann an Glaschu. An dèidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a tilleadh gu òrdugh làn obrachaidh le Rèile Bhreatainn agus chuir i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu