- TIOTAL
- Clas 'Big Goods' neo-aithnichte air trèana bathair ann an Druim Uachdair
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_543
- ÀITE
- Druim Uachdair
- SGÌRE
- A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT: Blàr Athall
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25000
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

Nuair a thug Rèile na Gàidhealtachd a-steach a' chiad einnsean den chlas 'Big Goods' deilbhte le Daibhidh Jones ann an 1894, b' iad a' chiad locomotaibhean ann am Breatainn aig an robh co-chur rothan 4-6-0 agus b' iad cuideachd na h-einnseanan prìomh-loidhne bu chumhachdaiche a bha ag obair san dùthaich. Chaidh 15 a thogail uile gu lèir le Sharp Stewart & Co ann an Glaschu (àireamhaichte 103 gu 117) agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923. Tha an aon locomotaibh aig Rèile na Gàidhealtachd a mhair na ball den chlas seo (HR 103) agus chithear i ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.
Tha an dealbh camara seo a' sealltainn locomotaibh clas 'Big Goods' neo-aithnichte air trèana bathair ann an Druim Uachdair