Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 air Turas Ramalair na h-Alba àir. 4, An Giblean 1965
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_584
ÀITE
neo-aithnichte
DEIT
17 An Giblean 1965
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25042
KEYWORDS
locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
HR 103 on Scottish Rambler Tour no.4, April 1965

Nuair a thug Rèile na Gàidhealtachd a-steach a' chiad einnsean den chlas 'Big Goods' deilbhte le Daibhidh Jones ann an 1894, b' iad a' chiad locomotaibhean ann am Breatainn aig an robh co-chur rothan 4-6-0 agus b' iad cuideachd na h-einnseanan prìomh-loidhne bu chumhachdaiche a bha ag obair san dùthaich. Chaidh 15 a thogail uile gu lèir le Sharp Stewart & Co ann an Glaschu (àireamhaichte 103 gu 117) agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.

Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 103 air Turas Ramalair na h-Alba àir. 4,sa Ghiblean 1965 An dèidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a tilleadh gu òrdugh làn obrachaidh le Rèile Bhreatainn agus chuir i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 air Turas Ramalair na h-Alba àir. 4, An Giblean 1965

1960an

locomotaibhean rèile; locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

Nuair a thug Rèile na Gàidhealtachd a-steach a' chiad einnsean den chlas 'Big Goods' deilbhte le Daibhidh Jones ann an 1894, b' iad a' chiad locomotaibhean ann am Breatainn aig an robh co-chur rothan 4-6-0 agus b' iad cuideachd na h-einnseanan prìomh-loidhne bu chumhachdaiche a bha ag obair san dùthaich. Chaidh 15 a thogail uile gu lèir le Sharp Stewart & Co ann an Glaschu (àireamhaichte 103 gu 117) agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> Tha an dealbh camara seo a' sealltainn HR 103 air Turas Ramalair na h-Alba àir. 4,sa Ghiblean 1965 An dèidh a toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a tilleadh gu òrdugh làn obrachaidh le Rèile Bhreatainn agus chuir i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu