- TIOTAL
- LMS 14384 'Loch Laggan' ann an Dùn Deagh, An t-Ògmhios 1936
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_664
- ÀITE
- Dùn Deagh
- DEIT
- 18 An t-Ògmhios 1936
- LINN
- 1930an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25123
- KEYWORDS
- locomotaibhean rèile
locomotaibhean Rèile na Gàidheatachd

B' e an clas 'Loch' 4-4-0 an clas mu dheireadh de locomotaaibhean a dhealbhaich Daibhidh Jones do Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1896 agus chaidh trì eile, le atharrachaidhean beaga, a dhèanamh le Companaidh Locomotaibhean Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Chaidh a' chiad fheadhainn àireamhachadh 119 gu 133 le na h-einnseanan an dèidh sin air an àireamhachadh 70 gu 72. Bha iad airson obrachadh air seirbheisean luath luchd-siubhail agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.
Tha an dealbh seo a' sealltainn LMS 14384 'Loch Laggan' (roimhe seo HR 124) ann an Dùn Deagh san Ògmhios 1936. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1938