Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 131 'Loch Shin' & HR 127 'Loch Garry'
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_737
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25191
KEYWORDS
treanaichean
einnseanan rèile
einnseanan smùid
rèile na gàidhealtachd
rathaidean iarainn
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HR 131 'Loch Shin' & HR 127 'Loch Garry'

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923.

San dealbh-chamara chithear HR 131 'Loch Shin' agus HR 127 'Loch Garry'. Fhuair 'Loch Shin' an àireamh 14391 on LMS agus chùm e a' dol ann an seirbheis gus an deach a tharraing san Lùnastal 1941. Chaidh e an uair sin a chleachdadh na thargaid do bhomaichean an RAF aig Shoeburyness ann an Essex.

Fhuair an 'Loch Garry' an àireamh 14387 agus chaidh a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1930.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 131 'Loch Shin' & HR 127 'Loch Garry'

treanaichean; einnseanan rèile; einnseanan smùid; rèile na gàidhealtachd; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923. <br /> <br /> San dealbh-chamara chithear HR 131 'Loch Shin' agus HR 127 'Loch Garry'. Fhuair 'Loch Shin' an àireamh 14391 on LMS agus chùm e a' dol ann an seirbheis gus an deach a tharraing san Lùnastal 1941. Chaidh e an uair sin a chleachdadh na thargaid do bhomaichean an RAF aig Shoeburyness ann an Essex.<br /> <br /> Fhuair an 'Loch Garry' an àireamh 14387 agus chaidh a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1930.