- TIOTAL
- LMS 14392 'Loch Naver' ann an Inbhir Pheofharain, 1937
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_747
- ÀITE
- Inbhir Pheofharain
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Inbhir Pheofharain
- DEIT
- 1937
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 25200
- KEYWORDS
- treanaichean
einnseanan rèile
einnseanan smùid
rèile na gàidhealtachd
rathaidean iarainn

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923.
San dealbh-chamara chithear LMS 14392 'Loch Naver' ( HR 132 roimhe) ann an Inbhir Pheofharain sa bhliadhna 1937. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghiblean 1947.