Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 133 'Loch Laoghal' sa Chaisteal Nuadh, 1920
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_759
ÀITE
An Caisteal Nuadh
DEIT
1920
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25212
KEYWORDS
treanaichean
einnseanan rèile
einnseanan smùid
rèile na gàidhealtachd
rathaidean iarainn
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HR 133 'Loch Laoghal' at Newcastle, 1920

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923.

San dealbh-chamara chithear HR133 'Loch Laoghal' sa Chaisteal Nuadh ann an 1920. Chuir an LMS an àireamh 14393 air agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1934.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 133 'Loch Laoghal' sa Chaisteal Nuadh, 1920

treanaichean; einnseanan rèile; einnseanan smùid; rèile na gàidhealtachd; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923. <br /> <br /> San dealbh-chamara chithear HR133 'Loch Laoghal' sa Chaisteal Nuadh ann an 1920. Chuir an LMS an àireamh 14393 air agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san Dùbhlachd 1934.