Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
LMS 14396 'Loch Ruthven' at Kilmarnock works

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923.

San dealbh-chamara chithear LMS 14396 'Loch Ruthven' (HR 72 roimhe) ann an oibrichean Chille Mearnaig. Chaidh a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1934.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14396 'Loch Ruthven' ann an oibrichean Chille Mearnaig

treanaichean; einnseanan rèile; einnseanan smùid; rèile na gàidhealtachd; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 2 (Jones classes)

B' e an clas mu dheireadh einnseanan rèile a chaidh a dheilbh do Rèile na Gàidhealtachd le Daibhidh Jones an fheadhainn clas 'Loch' 4-4-0. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co. ann an Glaschu an 1896 agus trì eile, le beagan atharrachaidhean, air an dèanamh le Companaidh Einnseanan Bhreatainn a Tuath ann an 1917. Fhuair a' chiad bhuidheann dhiubh na h-àireamhan 119 gu 133 agus na h-einnseanan eile, 70 gu 72. Bha dùil gum biodh iad ag obair air seirbheisean grad-shiubhail luchd-siubhail agus chaidh iad uile ann an seilbh an LMS ann an 1923. <br /> <br /> San dealbh-chamara chithear LMS 14396 'Loch Ruthven' (HR 72 roimhe) ann an oibrichean Chille Mearnaig. Chaidh a tharraing à seirbheis san Dàmhair 1934.