Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14399 'Ben Wyvis', Inbhir Nis, Sultain 1929
EXTERNAL ID
PC_HRS_LOCOMOTIVES_001_808
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
17 An t-Sultain 1929
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
25261
KEYWORDS
einnsean-smùid
treanaichean
trèanaichean
rathaidean-iarainn
Rèile na Gàidhealtachd
Comann Rèile na Gàidhealtachd
einnseanan-treana
LMS 14399 'Ben Wyvis' at Inverness, September 1929

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).

Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948.

San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid LMS 14399 'Ben Wyvis' (HR 3 roimhe) ann an Inbhir Nis san t-Sultain 1929. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghiblean 1952. 'S e an àireamh BR a bh' aige 54399.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14399 'Ben Wyvis', Inbhir Nis, Sultain 1929

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1920an

einnsean-smùid; treanaichean; trèanaichean; rathaidean-iarainn; Rèile na Gàidhealtachd; Comann Rèile na Gàidhealtachd; einnseanan-treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Locomotives 3 (Drummond classes)

Ann an 1896 thàinig Peter Drummond a-staigh an àite Daibhidh Jones mar stiùireadair do na h-einnseanan aig Rèile na Gàidhealtachd. B' e a' chiad einnsean a thug Drummond a-steach einnsean do threanaichean luchd-siubhail clas 4-4-0. Chaidh fichead dhiubh a thogail uile gu lèir, le clas dhen ainm "Small Ben" (ainmean bheanntan beaga).<br /> <br /> Fhuaireadh a' chiad ochd dhiubh (Àmhn. 1 gu 8) o Dubs & Co. ann an Glaschu eadar an Iuchar 1898 agus An Gearran 1899. Chaidh cnap eile de naoi dhiubh (Àmhn. 9 gu 17) a thogail aig ionad-obrach Rèile na Gàidhealtachd fhèin aig Loch Gorm ann am baile Inbhir Nis eadar an Iuchar 1899 agus An Gearran 1901. Chaidh a' bhuidheann mu dheireadh de thrì dhiubh (Àmhn. 38, 41 is 47) a thogail aig Companaidh Einnseanan-treana Breatainn a Tuath ann an Glaschu an 1906. Chaidh a h-uile h-aon dhiubh gu seilbh an LMS ann an 1923 agus mhair deich dhiubh gus an deach iad ann an seilbh Rèile Bhreatainn ann an 1948. <br /> <br /> San dealbh-chamara seo chithear an t-einnsean-smùid LMS 14399 'Ben Wyvis' (HR 3 roimhe) ann an Inbhir Nis san t-Sultain 1929. Chaidh a tharraing à seirbheis sa Ghiblean 1952. 'S e an àireamh BR a bh' aige 54399.